Skip to main content

Full text of "Dain a chomhadh crabhuidh"

m 



mm 



- ■ 



m 



Bmi 



■■'■ ! V 



H 
liì 



Digitized by the Internet Archive 
in 2013 



http://archive.org/details/dainchomhadhcrab1825macg 



'JjA'Iit 



A CHOMHADH crabhuidh, 



SEUMAS MACGRHIOCAIR, 
SEARMONAICH AK T-SOISGEIL *AN AMEBICA MU THUATH. 



GLASCHU: 

Clo-bhmilte le Eoin Graham fy Co. 1 36, Trongate. 
AGUS R' AN REIC LE M. OGLE 

1825. 



DAIN 

A CHOMHNADH CRABHADH, &c. 



SUIM AN LAGHA. 



Do'n Ard Thighearn do Dhia bheir thu gradh, 

Bheir thu dha e le d' anam gu lèir, 

Le do chridhe, 's le d' inntinn gu slàn; 

Is do d' choimhearsnach gràdh raar dhuit fèin. 

NA DEICH FAINTEAN. 

'Smi do Dhia, is do Thighearna treun, 
Thug araach thu o Eiphit nan tràill. 

1. Na biodh agad Dia eil' ach mi fein; 

2. Is na sleuchd-sa do Iomhaigh gu brath. 

3. Ainm an Tighearn do Dhia cuir an suim; 

4. Agus cuimhnich an t-sabaid le tlachd. 

5. Thoir do d' pharantaibh urram, is grkdh ; 

6. 'S cum do lamhan o mhort, is o chreach. 
7» Seachain adhaltras, cuirp agus cridh; 

8. Is na sintear do lamh chum na braid; 

9. Dean an fhirinn, is seachain a bhreug; 

10. Na bi sanntach, ach rèidh ri do staid. 

MOLADH AN LAGHA. 

Thugadh lagh leis an Triath dhuinn, d'ar riaghladh o 

thus; 
Lagh nam buadhanna ciatach, gun fhiaradh, gun lùb: 
Lagh bhios seasmhach gu siorruidh, gun chrioch air a 

chaoi; 
Lagh do ainglibh an Triath, is do dhiabhlaibh fuidh 

chlaoi. 
_ . ' A 



Chaidh an lagh ud a sgriobhadh, le fìrinn gun bheud, 
Annan cridh ar ceud sinnsir, 's bha 'inntinn d'a 

reir ; 
Gus an d'ith e am raeas ud, gun mheas aig air fein, 
Rinn an cumhnant a bhristeadh, 'sthug sgrios oirn gu 

leir. 

Sud an lagh theid a sgriobhadh, gu dileas gàch ial, 
Ann an cridh gach uil fhirein tha'n siochaint ri Dia; 
Leis an deadh spiorad ghrasmhor nach failnich an cùis 
Leis nach trèigear gu brath iad, 'snach fag iad air chùl. 
Sud an lagh a bha 'n airnibh an t-Slanuighir ghleusd, 
Nuair a ghabb e ar nadur, 's a thain' e gu 'r feum 
Fad a lathan do chleachd e an reachd ud gu dlu; 
Bi toil 'Àthar a thlachd, is bha 'bheachd oirre dùr. 
Thubhairt Daibhidh ; 'se 's priseil na mìltean de 'n 'or, 
'S cha-neil mil as na ciribh n'as milse ri h-òl * 
'Se bu thlachd, 's bu thoil-inntinn gu cinnteach do 

Phol, 
Nuajr a threig e am milltear, 's a phill e ri coir f 
Ka h-Abstoil, 's na Faidhean ta ard ann an gloir, 
'Se an aiteas gu brath e, an gradh, is an deoin: 
Tha na h-aingil ro ghlormhor lan sòlais d' a thaobh, 
'Se an aoibhneas ro mhor e, an ceol, is an gaol. 

'S nian man toill e ; bonn mi-chliu ged dhìt e na daoi, 
' S ged nach bi aca sith ris, 'nan inntinn a chaoi: 
Oir is ammic le meairleach bhi 'n gradh air an reachd, 
'Kinn a dhiteadh gu bas, o nach b'aluinn a chleachd. 
'S mor an t-aobhar air cliu dha gu-n diult e le tair 
Am fior mhonar umhlachd, gun durachd, gun ghradh, 
Bheìr na cealgairean lubach, ta dubailt 'nan gnath 
Leis an t-sean chridh nach fiu, nach deach ùrach le gras, 

Na h aingil bha aon uair gle naomh ann an gloir, 
Nuair a threig iad gun aobhar an gaol air a chòir; 
Rinn an lagh an grad fhuadach gu buan chum a bhròin, 
Gun dad feairt a.ir an uaisle bu dualach d' am por. 
Tha an naimhdeas ag eiridh gu h-eucorach, dan, 
Ach gidheadh 'se is eigin dpibh geilleadh gu brath i 

• Salm «x. 10. f Rom. ?ii. 22. 






Oir am feasd cha bhi buaidh ac, le fuath thoirt do'n 

cheart, 
Bithidh 'n lagh orr an uachdar, 'gam bualadh le neart. 

Tha sar cheartas is firinn gu dilinn san lagh, 
Is cha tilgear am firean neo chli leis gu dragh: 
Ach ma chlaonadh leat aon uair gun aontachadh leis, 
'*. 'S dearbh nach dean-e leat aoraadh, 's nach saorar ihu'm 

feasd, 
Gus an diolar le ràthan bhios tabhachdach treun 

Gach aon dlighe gu slàn da, gun fhailinn, gun bheud; 
Oir cha ghabh e ri call, no dad gann air a choir: 
Bìthidh 'n geur cheartas teann aig, 's cha sanntaich e 

corr. 

Tha e fiorghlan, ro naomh, is cha-n aom e gu brath, 
Le ni truaillidh bhios baoth, no le faoineis gun sta. 
J Tha e math, agus oirdheirc, 's e sonruichte grinn; 

Maiseach, caoin, 's e ro bhoidheach, ag sèoladh gach 

linn. 
Gach ni math thig ad smuaineach, (as suaraich, 's as 

crin,) 
Tha e 'g iarruidh gach uair e bhi fuaighte ri d' chridh, 
'S chan eil olc anns an t saoghal co aotrom, 's co 

meanbh, 
Nach do thoirmisg e daonnan maraon ri olc garbh. 

'Se lagh iomlan na saors' e, gun ghaoid, is gun sgleo: 
Tha gach aon neach fo dhaorsa nach taobh ris le deoin. 
'S e an gradh tha e'giarruidh do Dhia, is do dhaoin,' . 
Gradh bhios saor agus fial, gradh bhios dian, is nach 

traogh. * 

Thugadh dha anns a bhiobull, Lagh rioghail mar ainm;* 
Tha gach caibdeal ga mhineach, 's tha bhri' anns na sailm. 
Bha e sgriobht air dà chiar nan deich faintean aig 

Maois ; 
* Mar an lagh thug an t-ard-righ gu brath do chloinn 

daoin. 

* Seum. ii. 



8 

Dh' aithn a chiad te an Triath bhi mar Dhia agad fein; 
Thu bhi 'n comhnuidh 'na fhiannais, is ciatach mu d' 

bheus : 
Thu thoirt gloir dha, is aoradh gu h-aobhach do ghna, 
'S gun do chridh no do ghaol thoirt ach aotrom do 

chach. 
Dh'iarr an darna gach iomhaigh chur sios mar ni fapin, 
Is uil orduighean Dhìa bhi gach ial leat ro chaomh ; 
Bhi'gam freasdal gu d' dhochas, is d' eolas chur ceart : 
'S mcadhoin grais agus gloir iad, bi 'n toir orr le feairt. 

Thug an treas aon duit aithn urram ard thoirt do Dhia, 
Anns gach am, 's anns gach aite, le gradh is le ciall; 
Le do bhria'raibh' 's do smaointibh bhi daonnan gu 

feum, 
Gun thu chaoi a mhi-naomhachadh aon ni fo'n ghrein. 
N' ceathramh fain tha i'gradh, biodh an t-sabaid ad 

chuimhn, 
'S ann a chomhnadh ar crabhaidh chaidh 'n la ud thoirt 

duinn 
Cuir na smuainte, 'sna seanchais air falbh bhios gun 

bhri ; 
Biodh an urnaigh's an t-searmoin ag leanmhuinn ri d' 

chri. 

Thuirt an cuigeamh, ma's aill leat bhi sabhailt o bheud, 
Urram, umhlachd is gradh thoir do d' pharantaibh fein; 
Do gach neach os do cheann ann an ionnsach' no 

dreuchd, 
Is do ghliocas nan seann daoin, tha teann air an eng. 
Tha an seathamh a' toirmeasg dhuit coirbteachd is stri ; 
Thu bhi brais ann am feirg, is bhi doirbh 'n aghaidh 

sith; 
Oir thig morta man saoil thu a daochanachd dhian : 
Bitheadh anma chloinn daoine leat gaolach gach ial. 
Tha an t-adhaltras bachdte san t-seachdamh a chaoi, 
'S dearbh gum olc leat an cleachdadh aig neach e ri 

d'mhnaoi. 
Treig gach smuaineach is gniomh bheir gu striopachas 

thu, 
Taic ri Dia bhi gad dhion o gach lion bheir gu druis. 



Tha an t-ochdamh a' toirmeasg dhuit airgid an-reigh, 
Bhi neo-ghniomhach ad ghairm, is neo-airghiosach, 

geur: 
Bi ri saothair gu bunntamach sunntach gun tamb; 
Oir is mearleach an lundair neo-ghrunndail, gun stà. 

Tha an naothamh ag iarraidh ort fianais gun scleo 
Thoirt air firinn an Triath, gun a fiaradh ri d' bheo; 
Tha na breugan le Satan, bha ghna cur ri foill; 
Dean an treigsinn, mar aill leat bhi 'n aireamh a chloinn 
Tha an deicheamh ag iarraidh gach miann chur fo chis 
Thu bhi stuam agus fialaidh, so riaraicht 's gach ni: 
Cuir air falbh 'n talach grand bhios gad chnamhadh 

gun chrich; 
Is bi gradhach do ghna ris gach nabaidh san tir. 

Ge ceart, is ge gradhach na faintean gu leir 
Tha mo nadur mar namhad a ghna air an deigh; 
An ro gheall air an diteadh, ach m' fhireanach' leo, 
Ged tha m' umhlachd co cli nach eil brigh innt no beo. 
Ach b'e 'n fhaoineis domh smaoineach gu-n saoradh iad 

mi, 
Is mo ghaol aig gach aon ni ta claon leo, is cli. 
'S cha-neil feum dhomh bhi 'g earbs as an aimsir ri 

teachd ; 
Oir cha-n ainmic bhios anmhuinneachd leanmhuinn rim' 

chleachd'. 

Ach O ! cia co ghradhach an Slanuighear caoin : 
Thug an umhlachd am aite a dh' fhagus mi saor : 
'Sa thug nadur as ur dhomh ta giulan a dhreach, 
Is gam stiuireadh thoirt umhlachd le curam d' a 

reachd; 
Mar mo shòlas ro loinneil, is m' aoibhneas ro ard, 
Ged tha m' peacadh ga m' craoidhneadh gu h oillteil 

gach la; 
Ach tre ghras theid mo dheoin, is mo threoir ann am 

meud, 
Gus am faic mi fadheoidh ann an gloir e air neamh. 
A3 



10 

COI'-CHEANGAL NAN OIBRE.* 

Ged nach b'e rùn De' riamh duine sam bith a dheanamh 
sona le Coi'-cheangal nan Oibre, ach le Coi'-cheangal nan 
Gras, gidheadh rinneadh an ceud cho'-cheangal ud ann an 
doigh a bha co caoimhneil, co grasmhor, agus co iomchuidh 
chum sonas siorruidh a thoirt do Adhamh, agus d'a shliochd 
gu leir 's a dh'fheudte smuaineachadh. B' e 'n Cumhadh 
àraidh leis an coisneadh Adhamh an sonas sin, fantuinn o'n 
mheas thoirmisgt. Bha'n Cumha sin co furasd ri cho'-lion- 
adh 's a b'urrainn a bhi. B' usa dha 'n comhnuidh gun 
bheantuinn do'n mheas, no'ghabhail, agus 'itheadh. Cha 
robh Adhamh, no 'shliochd, an cunnart tuiteam ann am pea- 
cadh sam bith eile, gus an itheadh e am meas toirmisgt ; oir, 
air do Dhia a radh ris, M Anns an la dh'itheas tu dheth, gu 
cinnteach basaichidh tu," bha sinn ionann 's 'na ghealladh dha 
nach tigeadh am bas air, ann an doigh sam bith eile ach le 
itheadh dhi : agus mur tigeadh am bas, cha mho thigeadb 
am peacadh. 

- Mur biodh an Co'-cheangal ud idir ann, dh'fheumadh 
gach duin againn seasamh air a shon fein. Cha bu choslach 
dhuin suil a bhi aguinn ri sonas siorruidh, ach an lorg co'- 
lionadh an lagha; agus ged bhiodh sin comasach, cha bhiodh 
e co furasd idir ris an doigh ud eile ; oir bhiodh aig an dia- 
bhal cothrom air sinn a bhuaireadh gu peacadh, co lionmhor 
's a bha dleasdanais anns an lagh, nuair nach robh ach aon 
chothrom aig air Adhamh. Thug Dia dha an t-socair sin 
o'n bha e seasamh airson a shliochd; agus nan smuainich- 
eamaid ceart oirre cha deanamaid a chaoi gearan air Co'- 
cheangal nan Oibridh. Anns a cho'-cheangal ud chabhiodh 
ni air bith aig sliochd Adhamh ri dheanamh, agus cha robh 
aig Adhamh fein ri dheanamh ach fantuinn o'n mheas thoirra- 



Nuair a chruthaicheadh Adhamh, 
Reir na comhairle araidh, 
Bh' aig an Trianaid ro ghrasmhor, 
Fhuair e cumadh gle aluinn; 
Colainn mhaiseach, ro aillidh, 
Anam diongmhalta, aghmhor, 

* Cumhnant nan Gniomb. 



11 



Dreach a Chrulth'ir gu slan air, 's b'e ghloir e. 
Dreach, &c. 

Bhuin an Cruith'ear gu caomh ris, 
Thug e sealbh dha san t-saoghal, 
(Cha do chum e ach craobh uaith,) 
'S bu mhor an oighreachd e dh'aon fhear; 
Ged bu bheag e d'a mhaoinse, 
On bha firinn, is naomhachd, 
Steach na chridhe, le gaol agus eolas. 
Steach, &c. 

Fhuair e sonas gun iarruidh, 
Fhuair e beannachd na Trianaid, 
Bha an caidreamh gu fial aig, 
Bha co'-cheangal ri Dia aig, 
B'e co'-cheangal nan gniomh e; 
Gealladh beatha gun chrioch aig, 
Cumha socrach, so-dhiant air gach doigh aig. 
Cumha, &c. 

Thug an Tighearna fios da, 
Thaobh na craoibh ud san lios aig, 
(Bha 'n t-iul a b'fhearr is bu mheas innt,) 
Air dha blasad de 'n mheas aic, 
Gu-n tigeadh bas agus sgrios air, 
Gum biodh mallachd do-mheas air, 
Is gach truaighe, a chlisgeadh an toir air. 
Is, &c. 

Ach bha sa bhagradh ud fillte 
Gealladh beatha ro phriseil; 
Is nan seasadh e dileas * 

Mar a dh'iarr an t-ard-righ air, 
A seachnadh craoibh a mheas mhilltich, 
Cha tigeadh bas ais gu dilinn, 
Ach bhiodh beatha gun chrich ann an gloir aig. 
Ach, &c. 

Bha an cumhadh ud aotrom ; 
B' usa cho'-lionadh daonnan, 
Na dol idir a thaobh uaith ; 



12 



Bha 'bheatha shuthainn ri 'faotainn, 
Gun ghniomh oibre, no saothair; 
B' usa fuireach san aon ait 

Na dol dh'ionnsuidh na craoibh san robh 'n dolas. 
Na, &c. 

Anns a chumhnanta ghraidh ud, 
Shuidhich Dia gu ro ghrasmhor, 
Gun seasadh Adhamh 'n ar n ait-ne, 
An ait a shliochd tha do-aireamh 
A chosnadh sonais, is aigh dhoibh 
No chosnadh donais gu brath dhoibh 
Reir mar ghleidheadh, no dh'fhagadh e'n t-ordugh. 
Reir, &c. 

Bha mor aoibhneas air Adhamh, 
Socrach, saibhir am pharras, 
Mealtuinn caoimhneas an Ard-Righ, 
Faicinn greim aig air slainte, 
Cuid is roinn aig gach àl di, 
Mar an oighreachd ro aluinn; 
Meud na foill a bha 'n Satan cha b'eol da. 
Meud, &c. 

Nuair bha Eubh greis air falbh uaith, 
'S gum bi 'n soitheach a b' anmhuinn, 
Thainig Satan gu cealgach, 
'S le ro sheoitachd a sheanchais 
Mheall e h-uige a h-earbsa, 
'Shin i 'lamh gu mi shealbhach, 
Dh'ith i meas a thog searbhas, is bron duinn. „ 
Dh'ith, &c. 

Dh'iomain Satan san uair i, 
Dh'ionnsuidh Adhamh gu 'bhuaireadh, 
Thug i 'meas san droch uair dha, 
Ghabh, is dh'ith e gun smuaineach, 
Thilg e 'n aithne gu luath dheth, 
Chaill e 'shonas is uaisle, 
Dh'at a chridhe le uabhar, 's le mor chuis. 
Dh'at, &c. 



13 



Rinn e cionta ro-uarahar, 
Threig e 'Chruthadair uasal, 
Ghabh e 'n diabhal mar uachdran, 
'S air gach neach thainig uaithe, 
Thug e peacadh, is truaighe, 
Mile triobloid, is buaireadh, 
Dìteadh ifrinn, ' s b'e 'n cruadal bu mho e. 
Diteadh, &c. 

'S bochd dhuinn uile mar thachair, 
Chaill sinn Dia, is an reachd aig, 
Dh'fhalbh ar tuigse 's ar neart uainn, 
'Se ar namhaid an ceartas, 
Tha ar gradh aig a pheacadh, 
Tha sinn lan do dhroch cleachdaibh, 
'S cian, 's is fada air seachran sa cheo sinn. 
'S cian, &c. 

Ged tha'm focal ag innseadh, 
Gu bheil an Slanuigh'ear priseil 
Tairgseadh fuasglaidh is dion duinn, 
Tha do naimhdeas 'n ar n-inntinn, 
Gu bheil sinn diultadh bhi 'n sith ris: 
'S a thaobh ar gannlais do'n fhirinn 
'S iad na breugan ar didean 's ar dochas. 
'S iad, &c. 

Fhir tha cluinntinn an dain so, 
Co de 'n dithis a b'fhearr leat, 
(Nan tugt an roghainn duit trathail,) 
Earbs' ri fireantachd Adhaimh, 
No ri dicheall do lamhan, 
A chosnadh coir dhuit air slainte; 
Ach nan tuiteadh tu'm bas theachd gun trocair? 
Ach, &c. 

Ma their thu riumsa gun teagamh, 
Gum bu roighnich leat seasamh, 
'N taic ri d' dhicheall, 's ri d' theagradh, 
ChUm nach tigeadh ort leagadh, 
'S e mo bheachd gur e beag-nàir, 



14 

Ma'ri aineolas beadaidh, 
Tha 'g ad stiuireadh gu freagradh co gorach. 
Tha, &c. 

On sheas e 'n aite chloinn daoine, 
Cosnadh sonais do 'n t-saoghal, 
Bha Cumhadh Adhaimh na b'aotruim, 
Na bhiodh iomchuidh dhuits fhaotainn: 
B' urras Dia gu ro chaomh dha, 
Nach tigeadh peacadh, no aog air, 
Ach tre itheadh de chraoibh ud an eolais. 
Ach, &c. 

Ach bhiodh seol ac teachd ortsa, 
Steach air lionmhoireachd dhorsan, 
Smuaintean, gniomhan is fbcail, 
Na h-uile seorsa do lochdaibh; 
Cha bhiodh e idir co socrach 
Fuireach saor o gach droch ni, 
Is an diabhal 'gad bhrosnuch' an comhnuidh. 

Is, &c. 

Faicsa caoimhneas an Triath dhuinn, 
Ann an cumhnant nan gniomh ud; 
Bha e furasd ri riarach', 
B' ionann 's neoni na dh'iarr e, 
Mar chumha beatha gu siorruidh, 
D'ar ceud sinnsear, 's d'a iarmad; 
Ged dh'f hag a bhriseadh sinn iarguinneach, leointe. 

Ged, &c. ^ 

On is peacach gun chli thu, 
Na bi smuaineach gu dilinn, 
Gu-m faigh do ghniomhara sith dhuit, 
O Ard-bhreitheamh na firinn : 
Tha thu chean air do dhiteadh, 
Cha dean thu 'n Ceartas a dhioladh, 
Is tha 'n Reachd air a dhiobradh gu mor ieat. 
Is, &c. 

Cha teid a h-aon do chloinn daoine 
Le oibribh 'n Lagha* a shaoradh, 



15 

Tha iad uile ro aotrom ; 
Uime sin gabh-sa foghlum, 
Teich a dhionnsuidh 'n Fhir shaoraidh, 
(Tha a chuireadh ro chaoin duit,) 
Is gabh fasgath 'na ghaol, is 'na throcair. 
Is, &c. 

Co'-CHEANGAL NAN GRAS. 

'Se Co'-cheangal nan Gras ard innleachd Dhe chum peac- 
aich tur chaillt a thearnadh, chum cliu a shaor ghrais gu 
siorruidh. Rinneadh e o shiorruidheachd eadar an t-Athair 
agus am Mac, le aontadh an Spioraid. Shonruich an t-Athair 
doigh na slainte. Dh'urraich e air a mhac mar Urras* nam 
peacach. Thairg e nadur an duin a thoirt da, anns an co'- 
lionadh e umhlachd agus fulangus air an son, agusan Spiorad 
Naomh a bhi maille ris. Gheall e'ardachadh aig a dheas- 
laimh fein gu siorruidh, agus beatha shuthainn a thoirt da 
air a shon fein, agus airson a phobuill. Dh aontaich am Mac. 
Do reir sin thainig e ann an co'-lionadh na h-aimsir, chum 
an t-saoghail, mar Urras nam peacach; agus 'nan nadur 
rinn e an dleasdanas uile chum am fireanachadh, agus 
dh'fhuiling e am peanas gu h-iomlan. Chaidh e suas an sin 
gu neamh, agus fhuair e a bheatha shuthainn dha fein, agus 
dhoibhsan; agus tha e ga tabhairt doibh, feadh gach linn 
trid creidsinn an t-soisgeil. 

Tha Criosd a tairgseadh na beatha ud anns an t-soisgeil 
gach la, do na h-uile seorsa pheacach an nasguidh: agus, a 
leughadair, mur diult thu i,* bithidh si agadsa. Ach cha 
ghabh thu i; 's fearr leat gu mor thu fein a sgrios gu sior- 
ruidh, le bhi gluasad a reir do thoile pheacaich fein, mur 
fosgail Spiorad nan gras suilean d'intinn, chum's gu-n tuig 
thu ciod e bhi cailte, agus ciod e bhi tearuint. Gu-ntugadh 
J)ia creidimh dhuit. 

Nuair bha Adhamh an imcheist, 
Gun aon suil aig ri tioneadh, 
Is e'n deis dol air iomrol, 
Le briseadh cumhnaint gu h-iomlan 
Thainig Dia le mor thiom chridh, 

» Rathan. 



16 



A thoirt sgeil da, is iomraidh 
Air sar chumhnant is ionmhasde ghras ann, 
Air, &c. 

Dh'eirich misneach ar sinnsear, 
Nuair a chual iad air innseadh, 
'N sgeul bu bhinne, 's bu mhilse ; 
Sgeul air sgrios air a mhilltear, 
'Sgeul air fuasgladh o'n diteadh, 
Le Urras diongmhalta cinnteach 
Theachd a dh'f hulang am binnsan 'nan aite. 
Theachd, &c. 

Tha 'n Co'-cheangal ud siorruidh, 
Cha-n eil toiseach, no crioch aig, 
Cha-n eil gaòid, cha-n eil giomh ann, 
Tha deagh orduch is rian'air; 
Chaidh a dheanamh san Trianaid, 
A dh'aiseag pheacach ro lionmhor 
Dh'ionnsuidh reite ri Dia, agus slainte. 
Dh'ionnsuidh, &c. 

Ann an tionnsgnadh na saorsa, 
M'an do chruthaich e'n saoghal, 
Thuirt an t-Athair r'a Aon mhac, 
ft Gabhsa nadur chloinn daoin ort 
" Thoir làn gheill do m' Lagh naomh ann, 
'* Diol dom' cheartas gu daor ann 
" 'Stheid mo Spiorad leat daonnan le tabhachd. 
« 'Stheid, &c. 

P Tha mor aireamh do'n t-sluagh ud, 
*' A thig o Adhamh, se truaillte, 
** Nach teid f hagail 'nan truaighe ; 
" Tha mo chridhe làn truais doibh, 
'* Tha mi sonruicht am fuasgladh, 
" 'S gheibh thu fein mar do dhuais iad, . 
fl Nuair a bheir thu dhoibh buaidh air gach namhuid. 
'* Nuaìr, &c. 



m 

Fhuaras freagradh gu h-ullamh, 
" O geibh rni nadur an duine, 
M 'Satheid an Spiorad am chuideachd, 
M Ni mi d'iarrtas gu buileach, 
M Ann an umblachd, 's am Fulang; 
M Bheir mi'n dream ud o'n chunnart. 
u Ged ruig an claidheamh ro ghuineach gu m'airnibh', 
Ged, &c. 

Thug an Spiorad grad aontadh, 
Le deagh ghean, is mor ghaol da, 
Bhi thair tomhas gu saor aig, 
A ghleusadh nàdur a dhaonnachd 
A sheasamh cruadail gun aomadh 
'Nam bhi cosnadh na saorsadh ; 
'S chum a shluagh dheanamh naomh, agus gradh. 
'S chum, &c. 

Nuair a thain' an t-am iomchuidh, 
Chuir an Triath a mhac Ionmhuinn, 
(O mhnaoi bhochd air a ghinmhinn, 
Ann staid iosail, neo-inbhich,) 
Chosnadh teasairginn iomlain. 
Do na braighdibh fuidh iombhruid 
Le e fèin thoirt mar iomlaid 'nan àite, 
Le, &c. 

Ann an aite nam peacach, 
Thugadh ùmhlachd do'n reachd leis, 
Gun aon dleasnas a sheachnadh, 
'S gun dol ròineag air seachran; 
Ged bha àmhghar a gleachd ris, 
*S ged bha naimhdean ro bheachdail 
Chum a tharruing gu feachdadh, 's gu failinn, 
Chum, &c. 

Ann an aite nan truaghan 

§ibh e fulangas cruaidh air, 
ran cràidh na chorp uasal. 
a na anam trom uamhann, 
:h 'eil e 'n comas a luadh leinn, 
irg an Athar ga bhualadh, 
B 



18 



Peanas peacaidh a shluaighe gu slàn air. 
Peanas, &c. 

Ged bha ghailliunn ud gailbheach, 
Chuir e ghnùis rith mar ailbhinn, 
Bhuail am mallachd gu garg e, 
Rug am bàs gu ro shearbh air, 
Bha e tamull 'na mharbhan, 
Shaoil a naimhdean gu-n d'f halbh e, 
Ach dhuisg, is dh'èirich gu calma o'n bhàs e. 
Ach, &c. 

Chaidh e suas chum an Athar, 
Shuidh e sios air a chathair, 
SJileuchd na h-aingil le h-aidhear, 
Ghabh.e seaìbh anns na flaitheis, 
Ann an ainm a luchd tathaich, 
Fhuair e gràsan do-chaitheadh, 
Chum an roinn air luchd faighinn na slainte, 
Chum, &c. 

Thapm e'n Spiorad neo-ascaoin 
Air a naoimh, is air' abstoil; 
'S rinn iad saighdearachd ghasda, 
(Mine, macant au gaisge,) 
Cba do phill iad le masladh, 
Ach troimh Chriosd a thug neart dhoibh, 
Chuir iad cath gus 'n do chaisg iad an nàmhaid. 
Chuir, &c. 

Chum co'-cheangal na sìth ud 
A thoirt gu buil gu ro chinnteach, 
Tha 'n t-Eadar-mheadhonair prìseil, 
Laidir, acuinneach, dìleas, 
Tha gach oifig do thrì aig, 
Cumt ri d' uireasbhaidh dìreach, 
Faidhe, Sagart, is Rìgh e ro ghràsmhor. 
Fàidhe, &c. 

'S Fàidh ro iongantach mhòr e, 
luì is fios air gach dòigh aig ; 



19 

Ni e glic am fear gòrach, 

Ni e'n t-aineolach eòlach, 

'S chum 's gu-n rìeanar a chòir les, 

Bheir e' Spiorad g'an seòladh, 

Is ni fhocal doibh lòchran ro dhealrach. 

Is, &c. 

Sagart urramach, naomh e, 
Iochdmhor, truacanta, caomh e, 
Ris na truaghain air faondrath; 
Cha robh iobairt ach aon aig, 
Ach tha feartan innt daonnan, 
'S leoir chum rèite chloinn daoin i: 
Eadar-ghuidhear nach faoin e 's na h-àrdaibh. 
Eadar ghuidhear, &c. 

Euchdach, uasal an Rìgh e, 
Treubliach, buadhach an strì e, 
c Gleusd chum sluagh thoirt _gu striochdadh, 
Treun an caraid d'a dhìlsibh, 
Gèillidh 'naimhdean gu dìlinn, 
Geur a shaighdean 's gach cridh ac, 
Theid an leagail gu h-iosal fo' shàiltibh 
Theid, &c. 

An t-Eadar-mheadhonair treun ud. 
'Se 'm fior Dhia, 'se mac Dhè e, 
Is fior dhuine, sliochd Eubh e, 
'S dearbh bhràthair dhuit fèin e, 
Earb do chuisean gu lèir ris, 
Tha e deas chum an rèiteach', 

Tha mor thlachd aig 'na dhreuchdaibh, 's e bàigheil. 
Tha, &c. 

Tha sàr ghealleanna gasd aig, 
Tha iad tomadach, taiceil, 
Tha gach sonas gu pailt annt, 
Tha gach cobhair gun airc annt, 
Tha iad buileach an nasgaidh. 
Direach freagairt do'n pheacach, 
'S theid an co'lionadh ceart mar is fearr dha. 
'S theid, &c. 



20 



Tha 's na geallannaibh briagh utl, 
Neart a chlaoidhheadh do mhiannan, 
'S a dheanamh toilichte, so-riaraicht 
Do chridhe gionach mi-rianail; 
Tùr gu d' aigne a riaghìadh, 
Gu glic, suìdhichte, ciallach, 
'S gu bhi guidheadh o Dhia gach ni 's àill leis. 
'S gu, &c. 

Tha làn mhaitheanas saor annt, 
Tha buan aithreachas caoin annt, 
Creidimh cionalt, neo-bhaoth annt, 
Cridhe carthannach, maoth annt, 
Cogais chairiseach, chaomh annt, 
Cairdeas, gean, agus gaol annt, 
Sìth is sonas, le naomhachd gu bràth annt. 
Sith, &c. 

Cum do chreidimh, 's do dhòchas 
Anns na geallannaibh mòr ud, 
Fhàgail cothromach còmhnard, 
Tha iad seulaicht gu doigeil; 
Tha seul a bhaistidh air tòs ann, 
Tha seul na suipeir fadheoidh ann; 
'S còir an gabhail le h-eòlas gun ardan. 



Mo chreach leir, is mo chruadal! 
Gum bi cealgairean uallach, 
Agus aineolaich thruaillidh, 
Nach d'fhiosrach an truaighe 
Deanamh 'n cridhe n' as cruaidhe 
Le bhi beantuinn gun smuaineach, 
Ris ua seulaichibh uasal, is ard ud. 
Ris, 

Chum do chleachdadh a stiuireadh 
Tha lagh rioghail 'sa chùmhnant; 
'S bheir an Spiorad air drùghadh, 
Air do chridhe bha dùbailt, 
Ach tha nis air 'ath ùrach', 
Air a lionadh le dùrachd, 






21 



'S le gaol Ios' a ni 'n ùmhlachd ro àluinn. 
'S le, &c. 

Ach 'nad cheumaibh bi taigheach, 
Oir ma thrèigeas tu'n rathad, 
Gheibh thu gleusadh o'n Àthar, 
Is ge geur 's ann gu math dhuit, 
Oir cha trèig e thu fathasd, 
'S b'e mor bheud e gu-m faigheadh, 
D' fhuigheall breun a bhi gabhail gu blà ris 
D' fhuigheall. 

Tha 'n co'-cheangal ud uasal, 
Cha deach bagradh a luadh ann, 
Cha deach idir a smuaineach, 
Oir bha'n t-urras co buadhar, 
'S nach robh cunnart car uair air. 
Gèilleadh tuisleach le buaireadh, 
Bha neo-thuiteamachd fuaighte do ghnà ris. 
Bha, &c. 

'Se cuis as mò th' anns a Bhìobull, 
An co'-cheangal so mhìneach, 
Gu soilleir, glan, cinnteach, 
Do na peacachaibh dìblidh, 
Chum 's gu-m faic iad an dìteadh, 
Is gu-n teich iad chum didein, 

Dh'ionnsuidh 'n t-Slànuigh'ir mhìn nach dean tàir orr. 
Dh'ionnsuidh, &c. 

Cha-n eil minisdeir dìleas, 
Ann an cearna do 'n Chrìosdachd, 
Nach e mhòr chuid d'a dhìcheall, 
A luchd èisdeachd a phìlltinn 
O' m fèin-f hireantachd mhìllteacrt 
Dh'ionnsuidh sonas na fìrinn, 
An Co-chcangal ro phrìseil nan gràs ucf. 
An, &c. 

• Tha clann daoin an staid nàduir, 
Fuidh bhruid theann aig an nàmhaid, 
B3 






'Se gan gleidheadh gu sàmhach, 

Cur ri peacadh gu dàna, 

Chum an truailleadh gu gràineil, 

Gun bhi tuigsinn na h-àithne, 

Ach a teichcadh o'n t-Slànuighear àilidh. 

Ach, &c. 

Fhir tha 'g èisdeachd mo sheanchais, 
Seall gu grad ri cor d'anma, 
Ma 'm bi e tuille is anmoch; 
Treig d' f hireantachd chearbach, 
'S leig dhiot a bhi cealgach ; 
'S mor do chionta, 's do shalchar, 
Tha do chunnart ro anbarrach dhàicheil. 
Tha, &c. 

Cha-n eil beannachd ri 'ainmeach 
Nach eil fear dioladh an ainmhich, 
Cur an diugh ann ad thairgse, 
Saor gun òr, is gun airgead; 
Bheir an creidimh dhuit sealbh annt 
Ged bhiodh laigs 'ann ad earbsa, 
Gabh an cothrom, 's na dearmaid bhi sàbhailt. 
Gabh, &c. 

Bidh an creidimh mar laimh dhuit. 
Bhios a siòr-thoirt ad ionnsuidh, 
As an lànachd nach ionndrain — 
Biodh e laìdir 's thig slaim leis, 
Ach bidh beò aig san aindeis; 
Bheir e sith dhuit san aibheirt. 
'S gus a chrich ni e taingeil gach tràth thu. 
% gus, &c. 



DO N PHEACADH. I. CHUID. 



I. 'Stù ceud aobhar gach seachrain 
A thain' o reachd an. Ard-Iligh oirn^ 

Cha-n-eil maise no dreach ort, 
Tha thu feachdte, neo-dhireach. 



23 

2. Cha-n-eil ceum anns an gluais thu, 
Nach eil truaigh ann, is mithlachd 

Cha-n-neil neach air dhuit breith air, 
Nach bi breitheal air cinnteach. 

3. Cha-n-eil donas san t-saoghal, 
Nach tu's aobhar gu fior air; 

Cha-n-eil bas ann no dòruinn, 
Nach eil oirn-ne mar chìs duit. 

4. Cha-n-eil Pearsadh san Trianaid, 
Nach bu mhiann leat gu dìth e; 

Cha-n-eil buaidh anns an Diadhachd 
Nach e d' iarrtas gu-n millt i. 

5. Is tu namhaid an anma, 
Moch is anmoch, 'gu siorruidh 

'Stu choisinn tein ifrinn, 
Aobhar crith, agus gris e. 

6. Thog thu conasg is consach 

'S iomadh contrachd neo-chriochnach, 
Thog thu trod agus buaireadh, 
'S iomadh tuasaid neo-shiobhailt. 

7. Thog thu carraid, is comhrag 
Measg nam mòr-dhaoin, 's nan islean. 

Thog thu dragh, is mi-shuaimhneas, 
Measg nan sluagh, is nan righrean. 

8. Thog thu mortadh, is marbhadh, 
Thog thu farmad, is mi-rùn 

Thog thu tuaileas, is cùlchaint, 
Bhr[s thu cumhnant na siochaint. 

9. Thog thu gannlas measg bhra'irean, 
Rinn thu cairdean midhileas; 

Thog thu mallachadh's breugan, 
'S iomadh sgeulachd, neo-bhrioghar. 

10. Rinn thu 'n daonnachdach iargalt, 
'S am fear fialaidh na mhiodhor; 



24 

Chuir thu ceatharna, 's meairlich, 
Feadh gach cearn s gach rioghachd, 

11. Rinn thu misgearan òlmhor, 
Rinn thu gèocairean ciocrach; 

Rinn thu'n t-adhaltrach neo-ghlan, 
'S miannan feolmhor na striopaich. 

12. Rinn thu'n saoghaltaich sanntach, 
Agus mealltaor nan innleachd; 

Lion thu 'n cridhe le gearan, 
'S chuir thu talach 'san inntinn. 

13. Rinn thu'n t-eucorach laidir, 
Bhios ag sàrachadh mhiltean; 

Is an snaigean beag dona, 
Bhios ag tolladh os iosal. 

14. 'Stric a shèol thu an sloidhtir 
Dh'ionnsuidh oighreachd an fhìrein; 

'S a thug thu cosna 'n fhir thapaidh 
Chum a sgapadh le siochair. 

15. Thug thu gul as a ghàire, 
'S fala-gha gu bhi rireamh; 

Thug thu tuireadh a sòlas, 
Thug thu dòruinn a siòchaint. 

16. Chuir thu cuthach san òigridh, 
Gu bhi 'g 'ol an toil-inntinn, 

Do gach cluich, is gach sùgradh, 
Gun bhi 'n duil gu-n tig crioch orr'. 

17. Rinn thu*n Eaglais a shalchadh, 
Rinn thu cealgairean lionmhor: 

Luchd a chleachdaidh ta cearbach, 
Ged tha'n earbs' as an gniomhaibh. 

18. Dh'fhàg thu dall na cinn-iuil aic, 
Gionach, lùbach, neo-Chriosdail; 

'Nuair a theid iad do'n chupaid, 
Cha bhi durd ac air Iosa. 



25 



19. Theid an t-searmoin a leughadh, 
'S bidh na breugan raar ghiomh innt; 

'S iad mothruaigh an luchd eisdeachd, 
Cha bhi sgeulachd ach blion ac. 

20. 'S moch a rinn thu geur leanmhuinn, 
Air gach searmonaich dileas. 

A chuir Crìosd am Fear-saoraidh 
A chraobh-sgaoileadh na firinn. 

21. 'Stric bha d'ionnsuidh gle fhiadhaich, 
A chur diadhachd fo mhichliu . 

'S bhiodh fior ghoraich, is aingeachd, 
Measail, ainmeil le d' dhilsibhs. 

22. 'S tric a chuir thu droch theagamh 
Ann an creidimh nan Criosduidh; 

Chum an deanamh mi-thaingeil, 

Gun gheall-daingnich na rioghachd. 

23. 'Stric a thug thu dhoibh leònadh, 
A dh'fhag gun sòlas, gun sith iad. 

A dh'fhag an siubhal do-brònach, 

Mar neach air fogradh a' chriochaibh. 

24. Thug thu aoibhneas do Shatan, 
'Gan siòr thàlath gu d' liontaibh . 

Ach tha ceannard nach gèill ac, 
'S bidh e fein doihh 'na dhidean. 



DO N PHEACADH. II. CUIDi 

1. 'S don an gne th* ann ad nàdur, 
*s pòr a dh'f hàs gun aon siol thu : 

Tha do chumhachd do-rannsaicb, 
tha do ghannlas do-innseadh. 

2. Chuir thu aingil ro naomha 
fad air faondrath o'n fhìrinn: 

Lion thu 'n smuaintean le àrdan, 
spiòn thu mhan iad gle iosal. 



26 

3. Rinn thu 'n cridhe mi-thaingeil, 
's chuir tha naimhdeas nan inntinn 

'N aghaidh bhuaidhean an Ard-Righ, 
agus 'ai'ntean ro phriseil. 

4. Chuir thu 'n nathair do'n gharadh, 
a ghabhail fath air ar sinnsir; 

'S cha b' e 'n truaigh-san a dh'iarr thu, 
aeh sgrios an iarmaid ro lionmhor. 

5. Chuir thu seachran o Dhia orr', 

*s gach droch mhiann anns a chridh ao* 
Rug am mallachd, 's an t-eug orr', 
le do bhreigh, is d' ais-innleachd.' 

6. Rinn thu mortair do Chàin, 
's b-ann air Abel am fìrean: 

'S cha robh aobhar do'n àr ud, 
ach am brathair bhi dileas. 

7. Rinn thu ainneart a sgaoileadh, 
feadh an t-saoghail gu lionmhor: 

Lion thu'n saoghal le foirneart, 
agus dh'fhògair thu 'n t-siòchaint. 

8. Thruaill thu sligh' gach uile fheola, 
thug *hu dorta na dìi orr: 

Cha d'fhan a h-aon diubh gun bhàthadh, 
'nuair a thain' an lom-sgriob ud. 

9. Ach an t-ionracan Noah, 

's na bha chomhnuidh fo dhion aig; 
A rinn an Trianaid a chaornhnadh, 
chum an saoghal ath-shiolach. 

10. Dh'fhàg thu Sodom co graineil, 
le do ghnathannaibh grisei), 

'S gu-n d'rug leir sgrios gun dàil air, 
le breth an Ard-Righ ro phriseil, 

11. Bhruchd tuil thein as na speuraibh 
a chuir gu h-eitich gu dìth e: 



27 

Chuireadh suas e mar shaimpleir, 
air cor nan aingidh gu siorruidh. 

12. Thug thu leth tacbh clann daoine 
dh' ionnsuidh aòradh nan iodhol : 

Rinn thu'n aigne ro dhiomhain, 

chuir thu'n Trianaid air di-chuimhn. 

13. 'S tric a thruaill thu sliochd Iacoib, 
siol an armuinn deis, dileis : 

' S tric a rinn thu dhiubh traillean, 
fuidh do shailitibh gle iosal. 

14. 'S tric a mheall thu gu d' ghradh iad 
'nuair b' e 'n aite bhi stri riut : 

B' aobhar truais iad 'nad sheirbheis, 
cosnadh feirg an Ard-Righ dhiobh. 

15. Thug thu tuisleadh do Dhaibhidh, 
's mor a chaill e d'a shìth ruit : 

'S ge bu tuigseach righ Solamh, 
rinn thu dholaidh 's a mhi-sta. 

16. Cha robh duine do 'n t-seors ud, 
nach do lèon thu le d' bhriodal : 

'S tric a rinneadh le d' laimhs iad 
'n an droch shaimpleir do Isral. 

17. Cha do sguir thu do d' bhuaireadh, 
gus 'n do thruaill thu an rioghachd. 

Thruaill thu 'n sagart, 's am faidhe, 
thruaill thu 'n ard-dhaoin 's an islean. 

18. Thug sud braighdeanas tràilleil, 
ann am Babilon shios orr ;' 

Fuid righ Nebuchadnesar, 
fear d'am b'eigin doibh striochdadh i 

19. Gus an d'thainig an ùine, 

san do dhuisgeadh dhoibh Cirus ; 



28 

A rinn an aìseag d'an dùthaich, 
's athug cumhnantan sìth dhoibh. 

20. Lean thu fathast gu geur iad, 
mhill thu leursain an inntinn ; 

Chuir thu creidimh gun ghradh annt, 
is fuar-chrabhadh gun bhrì ann. 

21. Ged bba 'n Slanuighear ciatach, 
iomadh bliadhna san tir ac, 

Le do chuilbheartaibh seolta, 
cha robh 'n eòlas ach clì air. 

22. Thug thu orra a cheusadh, 
le droch eud, is le mirun . 

Sud an ceusadh thug sgrios ort, 
tha thu nis air do dhiteadh. 

23. Sud an ceusadh tha dearbhte, 

mar bhun earbsaidh, do'n Chriosduidh. 
Gabhsa comhairl, a pheacaich, 

thig a steach, 's bi fuidh dhion sud. 

24. Bheirear maitheanas saor dhuit, 
agus naomhachadh fìorghlan; 

Trid a chreidimh bheir gras duit, 
's bidh do namhaid an iochdar. 

RANN AIR AN DROCH CHRIDHE. 

1. Tha mo chridhe co teagmhach 

is nach creid e aon f hocal o Dhia : 
Tha mo chridhe n' as cruaidhe 

na 'n reotha, 'n tra 's fuaireadh an sian. 

2. Tha mo chridhe co feargach 

's gu-n leum e gu garg air a chòir ; 
Tha mo chridhe co sanntach 

's gur beag leis na beanntaichean òir. 

3. Tha mo chridhe co uaibhreach 
is gur tric e ri uaill as 9 a nàir : 



29 

Tha mo chridhe le salchar. 

Mar an sgeith thig o'n bhalgair, 's e lan. 

4. Tha mo chridhe co luaineach 

's a bhios tonnan a chuain leis a ghaoith: 

Tha mo chridhe co mealltach 

'snach faighear dha samhladh a chaoi. 

AN SOISGEUL. 

" Deadh sgeul mhor aoibhneis do'n uile shluagh." 
" Saoraidh se a phobull fein o'm peacaibh." 

'Se 'n soisgeul gradhach, thug Dia nan gras duinn 
A chura ar sabhaladh, dan mo ruin : 
Ach 's eolas ard e, air cuisibh aluin, 
Nach tuig an nadur a tha gun iul. 
Gur mis an truaghan, 's na leoir mancuairt domh, 
Toirt eisdeachd cluais da, mar f huaim nach fiach : 
B' e 'n gnothach cruaidh e nach tuig an sluagh e, 
An sgeul as uaisle a chualas riamh. 

Tha clann nan daoine gu tur fo dhaorsadh, 
Aig Dia an t-sao'il so, 's ag aoradh dha: 
Fuidh chois am miannan, a tha do-riarach; 
Gun fheart, gun iarruidh air Dia nan gras: 
A' deanamh tair air gach ni is aill leis, 
A' briseadh 'ai'ntean gach la gun sgios ; 
E fad o'n smuaintibh, 's iad ruith gu luath uaith ; 
Chum na truaighe ta buan gun chrich. 

Ge mor an curam th' aig Dia nan dul diubh, 

Cha tig iad dlu dha.le urnaigh chaoin; 

Bu mhor a ghrain leo bhi uair 'na lathair, 

An caidrcamh blath ris 'na aros naomh : 

Iad ruith na gaoithe, 's ag earbsadh daonnan, 

Ri sonas f haotainn am faoineis bhreug ; 

Gun f hios, gun aird ac air doigh n'as fearr dhoibh 

Na greim an drast air n' a's aill le 'n cre. 

Tha 'm barail laidir gur muinntir shlan iad, 
'S nach 'eil cionfath ac air grasaibh Dhe : 

JCL 



30 

Tha 'n soisgeul faoin leo, seach gean an t-saoghail, 
Tha 'n cridhe aotrom, gun ghaol do'n Leigh. 
Ach 's ait an sgeul e, air leigheas ceutach 
, Do dhuine euslan, fuidh chreuchdaibh ciurrt; 
Is noimheachd phriseil, o Dhia na fìrinn 
Do neach fuidh dhiteadh, 's e diblidh, bruit. 

Do neach fuidh smuairean, le Dia bhi 'n gruaim ris, 
Sa lochdan uamhurr 'g a chuartuch dlu; 
Gun fhios nach aite dha ifrionn chraiteach, 
Man tig am maireach, 's am bas 'na shuil. 
Do neach a dh'fhoghluim o'n Spiorad Naomha, 
Gur sonas baoth bheir an saogh'l so uaith; 
Nach 'eil ann ach sgail deth 'san am tha lathair, 
'S gu-m bac am bas e nach fas e buan. 

B'e sgeul an aigh e, air beatha 's slainte, 
O Ios' a bhasaich 'na ghradh do dhaoin, 
'Si 'fhuil am plasd anns a bheil ah tabhachd, 
Nuair theid a charamh gu baigheil, caoin, 
Ri cridhe leointe, gun ghean, gun solas, 
Ach doilich, bronach, gun seol air sith; 
Le Spiorad uasal nam fearta buadhar, 
Nuair thig e nuas air le gluasad min. 

Sud sgeul ro aoibhneach, air maoin is oighreachd, 
Do dhuine daibhir, gun sgoinn do'n t-saogh'l; 
Air crùn, is rioghachd a chaoi nach criochnaich, 
Gun dragh, gun mhithlachd, ach sith, is gaol. 
Sud sgeul ro araidh do dhuine taireil, 
Air urram ard ann am Parras shuas; 
Le gradh gun aimhleas, ameasg nan aingeal ; 
'S cha teirig cainnt doibh, toirt taing do 'n Uan. 

Deadh sgeul air fuasgladh, do pheacach truaillidh 

O chionta duaichnidh, nach suail a mheud ; 

Tre 'n chumhachd bhrioghar a ta an iobairt 

An t-Sagairt rioghail, ta siobhailt, seamh : 

'S air feartaibh grasmhor, ni cobhair trath dha, 

Nuair bhios a namhaid gu laidir, gleusd, 

A' tarruinn teann air chum 'earbs a thionndath 

Tur bun oscionn da, le ionnsuidh threin. 



31 

Air gras, is trocair bheir neart, is treoir dha, 

Re fad an roid dh'ionnsuidh gloir an Uain ; 

'Sna neamhaibh ard, far ara pailt an gradh dhoibh, 

'S cha teirig cail doibh gu brath g' a luadh. 

'S e cliu an sgeoil ud gur firinn mhor e, 

Gun fhocal mor-uaill, no sgleo gun bhri; 

'S e Criosd an eiric as buaine eifeachd, 

An iobairt reitich, sar steigh na sith. 

Thug Dia an t-Ard-Righ aon mhac a ghraidh dhuinn, 

A ghabh ar nadur, 's e bharr a rian; 

Anns an d'thug e 'n umhlachd, le deoin, 's le durachd, 

Thug coir as ur dhuinn teachd dlu do Dhia : 

Sar umhlachd chiatach do lagh na Trianaid, 

Leis an duin is Dia ann bha riamh re feum ; 

An coslas truaghain do dhuine truaillidh, 

Ach a b'fhearr, 's a b'uaisle na'n sluagh gu leir. 

An caraid gaolach a choisinn saorsadh 

Do'n chinneadh dhaonna le caonnaig chruaidh ; 

A dh'fhuiling tamailt o rug a mha'ir e 

Gu la a bhaii ann ait an t-sluaigh. 

Nuair bu naoidhean òg e, rinn Herod fhògradh 

'S e dearcadh 'n comhnuidh air doigh an t-sluaigb. 

Bha 'bheatha bronach, am fad 's bu bheo e, 

'S e cruaidh an toir air gu' bheo thoirt uaith. 

Oir b' e bu ghnath dhoibh bhi deanamh taire 
Air Athair gradhach, 's air 'ai'ntibh naomh : 
'S bhi deanamh dearmaid air slaint an anma, 
Le cleachda garg, is le h-angnath baoth. 
Na Sagairt uaibhreach, r s na h-ard dhaoin uaisle 
'Nan naimhdibh buan da, le fuath gun chrich : 
A' deanamh diochill, le h-iomadh innleachd, 
Is moran mi-ruin gu 'shior chur sios. 

Is air a lorg bha na diabhla borba, 

Fuidh phrionns an dorchadais, colgail, cruaidh : 

Ach 'se bu chraitich an ceartas ard bhi 

Cur claidheimh 'n sas ann, gun bhaigh, gun truas. 



m 

Rug mallachd Dhia air arson nam fìachan, 
Bhuin 'Athair fial ris gu fiata garg ; 
Oir rinn e threigsinn an am na h-eigin, 
Nuair chaidh a cheusadh le h-eucoir gharbh. 

Ach 's gearr a chuairt a bha'm bas an uachdar, 
Gu h-aithghearr fhuair e a bhuaidh gu slan ; 
Oir rinn e eiridh 'n treas latha 'n deigh sud, 
Gu subhach, treubhach, chum feum do chach : 
Do pheacaich dhiblidh, a bha fo dhiteadh, 
Gu-n deanadh 'fhireantachd didean diobh ; 
O chiont an nàduir, 's o'n lochdaibh gràineil. 
So chumhachd Shatain bha ghna ri fbill. 

Nis anns na h-ardaibh, tha neart gu bràth aig 
A chum na's àill leis thoirt sàbhailt suas ; 
Is chum a naimhdean a sgrids gun taing dhoibh 
Droch dhaoin is aingil, luchd ainneart chruadh. 
Ach thair gach seòrsa no peacaich mhòra 
Le 'm fuàthach eòlas air deoin an Triath : 
Nach creid an fhirinn, ged tha i cinnteach, 
Nach gluais gu dìreach, ach sìor dhol fiar. 

Ged bhiodh an Criosduidh 'n a luidh am priosan, 
Gu docrach, iotmhor, gun bhiadh, gun slaint, 
Ni'n soisgeul siorruidh, tre bheannachd Iosa 
A chridhe tiorail, le fior ghean grkidh, 
Ged dhùisg a nàmhaid geur leanmhuinn cràiteach 
Gun aon chion fàth air ach gràdh, is sith : 
Tha chridhe aoibhneach, tha ghnùis ro-aoidheil ; 
Tha dàn is laoidh aig' gach oidhch gun dith. 

E cumail gleachdaidh an aghaidh peacaidh, 

'S a stiuireadh 'chleachdaidh, le beachd air Criosd 

Tha gaol do'n reachd thar gach ni, is neach aig> 

'S cha ghabh e tlachd ann an seachran fiar. 

'Se Dia na tròcair a neart, 's a chòmhnadh, 

A bhios àn còmhnuidh toirt seòlaidh dha, 

Cha lag a dhòchas, cha bheag a shòlas, 

Tha aiteas mòr aig' nach eòl do chach. 



33 

A Thigheam, Iosa, gabh truas do 'n Chriosdachd, 
Tha 'n t-eolas iosal, 's gach crioch muncuairt: 
Is bras a dh' èireas gach mearachd èitich 
'S is beag an t-eud th' aig a chlèir san uair. 
Dean creidimh, 's eòlas, dean gaol na còrach, 
Is pailteas sòlais, a dhòrtadh nuas: 
Gu daoin a philltinn, o'n cleachdaibh millteach, 
'S gu naomhachd inntinn bhi cinntinn suas. 

Cuir gaol na sìochaint a measg nan rìghrean, 

Is borb ri strì iad mu ni ro fhaoin.* 

Taid tional armailt, 's cinn-fheadhna falbh leo, 

A ghlacadh talmhainn, 's a raharbhadh dhaoin ; 

Daoinnach d'thugfuath dhoibh, 's le'm b'aill bhi suairc-,ach 

Chaidh sparradh 'n tuasaid le 'n uachdrain fein. 

Mo thruaigh! nach b f hearr do na h-uachdraid ard ud 

Bhi beò mar bhrài'ribh, an gràdh da cheil. 

A Dhe na sìochaint, craobh-sgaoil an fhìrinn, 
Measg sìògh nan tìrean, 's nan innsean cian: 
Mar dhaoin air chall, ann an ceo nam beann iad, 
An oidhche teann orr, 's iad fann gun bhiadh. 
Thoir solus gle'ghlan, thoir rathad rèidh dhoibh, 
Is cridhe gleusd a thoirt gèill do 'n uan: 
Thoir sgeul do shlàinte, thoir fios do ghraidh dhoibh, 
Cuir feart do ghràsan 'nan dàil le buaidh. 

CREIDIMH. 

" Creid anns an Tighearn Iosa Criosd, agus saorar thu" 
(i Gach ni nach 'eil o chreidimh is peacadh <?." 

Leam is iòghnadh an nì nach 'eil fìrinn na slaint 
Air a creidsinn do rìreamh gun dìobradh, gun tàir, 
Leis gach iosal is uasal d'an dualach am bàs, 
'Nuair thig aiteal d'a fuaim chum an cmasan le failt. 
O'n 'se creidsinn bheir fuasgladh do thruaghanaibh leoin. 
O an cleachdannaibh truaillidh, 'so'n truaigh th' air an toir. 

* Sgriobhadh so ri am cogaidb. 
£3 



34 

'Se a ghleusas an càil chum an gràdh thoirt do Dhia, 
Chum an tlachd bhi 'na ai'ntibh ro àluinn gach ial. 

Leam is iòghnàdh an nì gu bheil fìrinn na slàint 
Air a creidsinn do rireamh gun dìobradh, gun tàir, 
Le duin iosal no uasal d' an dualach an bàs, 
Ged a bhuaileadh a fuaim air an cluasaibh do ghnà? 
Tha an fhìrinn 'na buadhannaibh uasal toirt bkrr 
Air na seudaibh as luachmhoir mu'n cual thu 'n ad là ; 
'S tha do nàdur co suarach 's gur fuath leis a gnàth, 
Oir cha dùraig e smuaineach bhi uair air a sgath. 

Tha gach focal de 'n fhìrinn a dlteadh cloinn daoin, 
O'n tha'n cleachdanna clì, is an innleachdan claon: 
'S o'n tha iadsan le dìocheall gam fìreanach fèin, 
Se am miann a bhi sìor tharruinn sìochaint o'n bhrèig. 
Tha an cridh aca sanntach, làn gannlais do'n chòir; 
Tha an inntinn ac dall, tha iad meallt air gach dòigh. 
'S ann ri Satan tha'n rèite, 's iad gèilleadh d'a mhiann: 
Gia mar dh'fheudas iad èisdeachd le spèis ri guth Dhia? 

Deir an Slànuighear prìseil, beul bì nach can breug, 

" Cha do chreid sibh do bhrì gur i 'n fhìrinn tha 'ai 

bheul."* 
Cia mi-chiallach an reuson! cia èirich! cia fiar! 
Air an fhirinn a thrèigsinn mar bhreugaibh nach fiach! 
'Siad mo thruaighe ciann daoine, co baoghalt, 's co dùr! 
Dol a thaobh mar theid caoraich air faondrath gu dlù ! 
Mar tig feartan o'n aird thoirt doibh nkduir as ur, 
Cha chreid neach de shliochd Adhaimh an Slànuighear 

ciuin. 

Creidimh naomh agus fior ann an Iosa mac Dhè, 

Deir an Scriobtur gur tiolac o Dhia e gu lèir. 

Bheir a thròcair 's a ghaol e gun aobhar no fàth, 

Do na truaghanaibh baoth, tha fo dhaorsadh do'n bhàs; 

A thoirt beò dhoibh o'n bhàs, 's fradharc slàinteil d'an 

sùil, 
Chum 's gm-m faic iad mar dh'fhàg iad an àithn air an cùl : 

* Eoin viii. 45» 



35 

Mar a bhrosnaich iad Dia, le bhi fiaradh an gnàth, 
Ghum an dìteadh gu piantaibh nach criochnaich gu bràth. 

'S mar tha michreidimh graineil air arach 'nan cridh, 
Bhios a ghnà deanamh tàir air an t-Slanuighear mbin; 
'S chum gu-m faic iad an fhìrinn tha 'g innseadh mu 

Chriosd, 
Gach ni rinn e, 's a ni e thoirt sìth dhoibh gun chrioch: 
Mar a dh'oibrich e 'n f hìreantachd phrìseil Jeis fèin, 
Rinn am fuasgladh o'n dìteadh, le cinnte nach gèill : 
'S mar a bheir e dhoibh gràs chum an gnath dheanarab 

seamh, 
Gus am fàs e co àillidh 's gu-n tàr e gu neamh. 

Nuair a gheibh iad an leursainn ud, ciatach, neo-chlaon, 
Ni e tuigseach is geur iad thair reuson chloinn daoin: 
Chi iad cuspairean lionmhor tha diomhair do chàch; 
'Sao'l neo-fhaicsinneach siorruidh, ro fhior, is ro ard. 
Chuireas sgail air an t-saogh*l so, 's gach faoineis 'na chom, 
Nochdas luaineach mar ghaoith e, co aotrom ri moll. 
Eiridh 'n inntinn gun dàil gu ro ard os a cheann, 
Dh'ionnsuidh phàrrais an gràidh, 's gach ni àluinn a th' 
ann. 

Nis o 's leur dhoibh 'àiì stèigh, agus èifeachd na slàint, 
Cha-n-eil dèigh ac bhi 'g èisdeachd ri breugaibh an nàmh : 
'Si an fhìrinn gun fboill a bheir aoibhneas doibh ghnà; 
'S bidh an inntinn 'ga faoidhneachd a dh'oidhch is a la. 
Fanaidh 'n t-as creidimh! luimeil mar fhuighleach a là'ir, 
Ach cha chlos doibh 'ga chuibhleach, 's 'ga chlaoidheailh 

gach tra. 
Chuid a chuid gheibh iad buaidh air, ge buan e, Vgerag; 
Oir bìdh gras 'gan ath-nuathach, 's cha dualach dha stad. 

'S gasd an acuinn ri he-èigin, no deuchainnibh cruaidh, 
Creidimh diongmhalta, treubhach, nach gèill ri h-an-uair : 
A<m ni greim gu ro chruaidh air gach buaidh ata'm Criosd, 
Chum na feartan thoirt nuas, ni ar fuasgladh, 's ar dion. 
Cha-n-'eil aon ni 'san t-saoghal co gaolach ain Dia. 
Is cha-n fheudar as aogais le daoinibh a riar ;* 

• Eabb xi. 6. 



36 

Oir ri fìrinnibh Dhè chuir e 'sheula gu slàn,* 

Nuair ni 'n t-ascreidimhbreug de gach sgeul thigo'n aird.f 

O'n thà 'm peacach thaobh nàduir 'na nàrahaid d'a ghnè,;j: 
'S e an Triath le laimh faidir a dh'àraicheas e : 
Bidh a ghairdean gu feartmhor a neartach' gach gniomh, 
Toirt a bhochduinn gu beartas, 's a' ceartuch' gachgiomh; 
A thoirt umhlachd le gràdh do na fàintibh gu lèir, 
Gun dad uaill ach fein-àicheath bhi ghna anns gach ceum ; 
Oir ge dian bhios a mhiann gu bhi diadhaidh gach am, 
Chi e 'n lagh aig an Triath fatda cian os a cheann. 

Creidimh fior bidh gna shùil aig ri ùrach o'n aird, 
Bheir e ort dol adh'urnaigh le dùrachd gach trà; 
Urnaigh threun thèid adh'urchair gu cuimseach gu neamh, 
'S a gheibh èisdeachd gu tulehuiseach, cunbhalach, rèidh : : 
Chuireas faobhar is gleus ort gu h-eudmhor, 's gu beò, 
Chum do thoil bhi gu lèir arson Dhè, is a ghlòir: 
'Si do chràdh 'n urnaigh mharbh bhios aig cealgair nan 

lub, 
Urnaigh bhochd arson ainra, gun dad tairbh innt, no sùgh. 

Fhad 's a riaghlas an gràs ud thu 'n làthair do Dhè, 
Bidh do naomhachd a fàs, bidh do ghairdeachas gleusd ; 
Cha bhi smuaineach ad chrìdh nach bi dìleas is cneasd; 
Bidh do mhiann ris gach ni a bhios dìreach us ceart. 
Fhad 's a riaghlas an gras ud thu 'n làthair chloinn daoin, 
Cha bhi gniomh ni do làmh nach bi gràdhach, us caoin, 
Cha bhi focal 'n ad bheul nach bi reusontach, ciuin, 
Ged a thachradh riut beist bhios gun bheusan, gun chhù. 

Tha an gras ud co ceutach, 's co feumail gach uair, 
Us nach f heudar as eugmhais gu-n èirich leat buaidh. 
Bi 'ga altrom gu deònach, ri ri d' bheò, us ri d' bhas; 
Bithidh sìth agus sòlas an còmhnuidh 'na la'ir. 
Bi ag rannsuch' an f hocail le tlachd, is le miann, 
Do gach creidmheach is taice gach seachdain do'n bhliadhn, 
Lean gach aon mheadhon gràis fad do làthan gun sgìos, 
S thig do chreidimh, 's do shlainte gu lànachd gun dìth. 

* Eoin iii. 33. f 1 Eoin v. 10. J Gne a chreidimh. 



37 

DO*N MHI-CHREIDMHEACH.* I. CHUÌD, 

" An ti nach creid, tha e air a dhìteadh cheana, 

" Chionn nach do chreid e an ainm aoinghin mic Dhe J ." 

'* Do bhrigh gu bheil nnise 'g innseadh na fìrinn, 

" Cha-n-'eil sibh ga m' chreidsinn." 

1. Cha do chreid thu do dhìteadh, 
Ged 's i 'n f hìrinn a dhaor thu, 

Dh' ionnsuidh ifrinn na pèine; 
Is cha leur dhuit do bhaoghal. 

2. Cha do chreid thu do chridhe 
Bhi sior thighinn, gu faoilidh, 

Air gach olc th' air a bhacadh, 

Leis an reachd tha ro naorah dhuinn. 

3. Cha do chreid thu gur comadh 
Leat an comunn ro chaomhail, 

Th' aig na naoimh ris an Dia ac, 
'S nach b' e 'm miann bhi as aogais. 

4. Gur e d' athair an diabhol, 
'S gu bheil a mhiannan leat aobhach: 

Gur fior nàmhaid do Dhia thu, 
Air dol cian uaith air faondrath. 

5. Gu bheil thu 'n còmhnuidh 'na f hianais, 
No gur fiach dhuit do shaothair, 

Dol a lùbadh do ghlùn da, 
Ann an urnaigh, no aoradh. 

6. No, ma rinn tha an lùbadh, 
Gu-n robh 'n dùrachd gle fhaoin ann; 

Thaobh do chridhe bhi truaillidh, 
'S gur co luaineach ri gaoith e, 

7. Cha do chreid thu gu-m b' fhearr dhuit, 
Bhi sior f hàs ann an naomhachd, 

Na bhi cumhachdach, saibhir, 
Le mor oighreachd san t-saoghal, 
♦ As creidmheach. 



38 



8. Chreid thu breugan an diabhoil 
(Fear bha riamh ga do shfaodadh, 

Chum a gharaidh gu dian leis,) 

Fad roimh f hianais 'n Fhir-shaoraidh. 

9. Chreid thu 'n t-slighe bhi leathan, 
Bheir gu beatha nach caochail: 

Gur gle f harsainn an geata, 

'S iad dol steach air nan sgaothaibh. 

10. Chreid thu 'n t-slighe bhi aimhle'an, 
A bheir gu gaintir a' chaoinidh; 

Gu bheil cacliaileag tbeann air, 
'S iad ro ghann tha 'ga faotainn. 

11. 'Sann air Dia chreid thu mi-sguel; 
E bhi dìreach reir d' aoigis,* 

E bhi toilicht le d' chleachdadh, 
Is do d' pheacadh toirt aontadh. 

12. Do do smuaintibh neo-gheamnaidh, 
Is do d' sheanchasaibh draosda. 

Do d' adhaltrus gràineil, 

Is do d' mheairle gun aobhar. 

13. Do do bheumadh, 's do d' chaineadh 
Air a' bhràthair bha caomh riut : 

Do do bharganaibh carach, 

Is tu mealladh na dh' fhaod thu. 

14. Gach aon ni bhiodh tu ceannach, 
Bhi 'ga tharrainn ro shaor ort, 

Is gach neach ri 'n do reic thu, 
Nach bu deic leis a dhaoirid. 

15. Ris gach droch rud a ni thu 
Cumaidh 'm mlchreidimh 'aodan; 

Ged b' e guidheachan drabasd, 
Ged b' e sabaid no caonnag. 

16. Gheibh e leisgeul an còmhnuidh, 
Do d' gheòcaireachd chraosach: 

Sal. 1. 18-21. 



L 



39 

'S ni e dearbht thu nach misd thu 
Bhi ro thric air an daoraich. 

II. CUID. 

1. Ged is lionmhor na peacaidh 

Ta an cleachdadh chloinn daoine ; 
Ged tha lochdan nach gann ac, 

Cuid n'as antruim, 's n' as aotruim : 

2. Ged tha smuaintean ro dhiomhain, 
Agus gniomharan baoth ac ; 

Ged tha braid agus breugan, 
'S breth-air èigin gach taobh ac: 

3. Ged tha mìrun is seirbhe, 

'S moran ceilg far nach «aoilinn ; 
Ged tha ardan is farmad, 
Air an anmaibh toirt caoile: 

4. Cha-n-'ei] iad uile co millteach, 
Ris a mhì-chreidimh bhaobhail; 

Nach creid an fhìrinn is feumail, 
Ach na breugan is claoine. 

5. Nach creid focal thuirt Dia ruinn, 
Chum ar riaghladh, 's ar foghlam; 

Ged 's e creidimh 'n t-aon inneal, 
Ni o mhilleadh ar saoradh; 

6. 'S a bheir sealbh dhuinn sa bheannachd 
A chaidh cheannach' gu daor dhuinn ; 

A choisinn Criosd duinn gun sòradh, 
Nuair a dhòirteadh 'fhuil chraobhach. 

7. 'S e sud peacadh na dunach, 
Cha-n 'eil duine tha saor uaith; 

Fhad 's a ruigeas an f hìrinn, 
Bidh e cinnteach gu-n sgaoil e. 

8. Ma 's duin thu' 'n staid nàduir, 
Bidh tu ghnà leis ag aomadh ; 



40 

'S ged fhuair thu a cuibhteach, 

Leanaidh fuighleach nach caol riut. 

9. Air do shuilibh thig sgleò leis, 
Bheir e ceò ort ni caoch thu : 

E co seòlta gu mealladh, 

Ris an t-sionnach a saobhaidh. 

10. E co leanmhuinneach. beadaidh. 
As nach teich e ri d' aois uait: 

'S e do sgrios tha e miannach', 
'S fad man iarr e do chaomhnadh. 

11. Seas, is seall air do chunnart, 

Gun fhios c'uin a gheibh 'n t-aog thu. 
Gabh ri Criosd anns an fhocal, 
Leig do thaic ris 'n* aonar. 

12. Cum an comhnuidh do shùil air, 
Bi gu dlu ris air d' aonadh: 

Gabh an Spiorad gun dail uaith, 
Ni e gras ort a thaomadh. 

13. Fhir tha creidsinn na fìrinn, 
Dean am mìchreidimh shaodach; 

Na toir tàmh dha, no fasgath, 
Cuir aìr asdar do'n fhraoch e. 

14. Oir ma gheibh e fo chìs thu, 
Bidh tu 'd chìnneig, 's ad deaolaig; 

Thig do mhisneach gu fuarach', 
'S thig do chruadal gu maoladh. 

15. Falbhaidh d' eud, is do chùram, 
'S caillidh 'n dùrachd am faobhar - 

Bidh do shìth air a leònadh, 
'S thig do shòlàs gu traoghadh. 

16. Creid an f hìrinn gun teagamh^ 
Bheir an creidimh an gaol leis ; 

Ni e snasnmhor do ghluasad, 
'S bithidh buaidh agad daonnan. 



41 

AN GEARAN. 

Och is duine truagh mi! co a shaoras mi 0*0 chorp a 
hhàis so?" 

Is doilich leam mar tha mi 
Ag -siubhal le mo nàmhaid, 
Easumhal do na fàintibh, 
'S mo ghràdb dhoibh co fann. 

'S iomadh fear a bhàrr orm 
Tha siubhal rèir a nàduir; 
'S e 'n lagh tha fulang tàmailt, 
Is tàire nach gann. 

Kiamh a leagadh Adhaimh, 
'Se 'm peacadh 'n ni as fearr leinn, 
'S mi-chneasd a thug sinn gràdh dha, 
'Ga thàlath gach am. 

Cha d'f huair mi fad mo làthan, 
Dad buannachd, no dad sùth dheth, 
Ach daonnan tarrainn sàis orm, 
'S 'g am charamh am fang. 

'S e dh'fhàg gach ni a leugh mi, 
Gach searmoin riamh a dh'èisd mi, 
'S gach guth a labhair beul rium 
Gun fheum dhomh, gun stàth. 

'S e mhilleas gealladh bhè orm, 
Nach earb mi ris ach eutrom, 
'S nach càirich mi rium fèin e, 
Gu tvèifeachdach, slàn. 

'S ann chuir e mi an dèigh-laimh, 
'G am fhagail ro mhi-ghleusda, 
Gu h-obair uasal, euchdach, 
'S gu treubhantas àrd ; 

Gu gleachdadh ris an eucoir 
A bhios am chridhe 'g èiridh, 
No chithear ann am bheusaibh, 
Gu h-èitich, 's gu grand. 

Nam bithinn tairis, dìleas, 
Ag leantuinn ris an fhìrinn, 
D 



42 



Bhiodh ise dhomh mar dhìdean 
Nach dìobradh gu bràth. 

Ged chuireadh daoine sios mi 
Le casaidibh, 's le dìtibh, 
Gu-ii togadh ise rìs mi, 
Is dheìr'inn an aird. 

Cha toilleadh i gu dìlinn 
Dad coire dhomh, no mìthlachd, 
Tha ceangal ris an t-sìth aic, 
"S is dìreach a gnàth: 

Ach 's mor an call, 's an dìth dhomh, 
Gu bheil i tric air dìchuimhn, 
'S nach eil a creidimh cinnteach 
Am inntinn ag tàmh. 

Bha amaideachd is gòraich 
Ag leantuinn rium o m'òige, 
Is b' annsa'leam gu mòr iad 
Na 'n t-eòlas as fearr. 

Nan deanainn leth na còrach 
Cha chreidinn nach bu leoir e, 
'S nach tearnadh sud fadheoidh mi, 
Gun dòigh air tigh'nn gearr. 

Ge mor an t-aobhar sòlais 
Bhi 'n comunn Righ na glòire, 
'S iad b' annsa leamsa òrain, 
'S bhi 'g òl nan deoch slàint. 

Bu dallag mi nach sòradh, 
Bhi cluich aìr bruaich na dòrainn, 
An Diabhol ga mo threòruch' 
Gu seòlta air laimh. 

Gur mor a chreach, 's an diùbhail, 
Mo chridhe bhi gun dùrachd, 
A ghabhail De nan dììl domh, 
Mar Ughdar mo shlkint: 

'S e tairgseadh dhomh 'na chùmhnant, 
A neart a bhi mar chùl domh, 
'S a ghliocas ard^u m' stiuireadh, 
Le cùram, 's le gradb. 

Tha druidheachd air mo shùilibh, 
'Se 'n rud a ni mo chiùrradh 



43 

D' an ruith mo mhiann gu siùbhlach, 
'S mi lùbadh 'na dhàil. 

Mo shonas air mo chùlaobh, 
Mar anabas nach fiù leam ; 
Is m' anam an droch rùn da, 
'Ga dhiùltadh le tàir. 

'S mi 'n duin as truaigh san t-saoghal, 
Fo chìs aig m' eascar' daobhaidh, 
Lan fuath do 'n bheath as caoine, 
S an gaol air a bhàs. 

Co sheallas rium am dhaorsadh? 
Co thioncas mi o chlaonadh? 
Cha n-aingil, no clann daoine, 
Och! b'fhaoin iad sa chas. 

Ach taing do'n Athair naomha, 
A dh' ullamhaich an t-saorsadh, 
Làn tearnadh o gach baoghal, 
Trid aon ghin a ghraidh. 

A Dhe ta iochdmhor, maoineach, 
Cia f had a bhios mi caoineadh ! 
O greas le d' chobhair chaomha, 
Is saor mi gun dàil. 



FIREANTACHD CHRIOSD. 

" Gu faighear annsan mi gun m'f hìreantachd f èin agam, a 
ta o'n lagh, ach an fhìreantachd sin a ta tre chreidimh 
Chriosd, an f hìreantachd a ta o Dhia tre chreidimh." 

'Si Fìreantachd Iosa Criosd mo Thighearn, 

An dion a bhitheas gu feum, 

O m' pheacannaibh gniomh ta lionmhor, minic, 

'S o'n t-siol a ghin iad gu lèir; 

Bheir sonas is sòlas mòr do m' anam 

Nach leòn an anshocair chruaidh ; 

'Sa chumas rium dòchas glòir nam flaitheas, 

Ri m' bheò air talamh mo chuairt. 

Bha mise mar chàch am thraill do'n donas 
Gun chàil do chobhair an Triath, 



44 

Ag iarraidh marm' àilleas sath na colla, 

Gun aird ari cogadh ri m' mhiann: 

Ag siubhal mar ghaoithein aotrom, falamh, 

Co faoin ri faileas na brèig ; 

Gun smuaineach air aog. no canchlath aithghearr, 

A dh'f haodadh tachairt domh fèin. 

Gus an d' thainig an uair san d'f huair mi buille, 
Ro chruaidh. ro ghuineach o'n reachd, 
Dh'fhàg gaoir ann am chluais nach dual dhomh tuille 
A fuaim chur buileach o m' bheachd. 
41 Is mallaicht gu bràth gach garlach dona, 
44 A dh'fhàg neo-choi'liont an lagli 
•* Tha 'chridhe 's Jành gun tàrnh dha solar 
*' Gach cràdh, gach gonadh, 's gach dragh." 

'N sin ghabh mi an ruaig le ruathar cabhaig, 
Mo thruaigh! cha d' aithnich mi 'n ceum : 
Le cumhachd is buaidh mo thruaill'eachd ghramail 
Cha d'fhuair mi mach as am fèin. 
Bha m'earbsa ri feum o m' dheicibh falaich ; 
Ki èifeach aithreachais mhairbh; 
Gu-n deanainn gach beud a threigsinn baileach j 
'S n' as dèin gu-n leanainn math m' anm'. 

Ach b' anmhunn, 's bu chlì an t-sìth a thog mi, 
Bha dìteadh cogais am chom: 
Bha bagradh na fìrinn sìor dhol troimham; 
Rug s^ìos is claoithadh air m' f honn. 
Bha m' earbs' is mo chail siòr fhàs n' as fainne, 
Is dh'fhailnich m' anam gu mòr: 
Bha Criosd is a ghradh san trath as m' aithne, 
'S cha b' àill Jeam teannadh 'na choir. 

Cha chreidinn nach deanainn fèin mo chobhais, 
Chum rèite chosnadh ri Dia : 
Cha chroidinn guth Dhè, 'g radh, 'Sè do bheatba, 
Gun èis. gu maitheanas Chriosd, 
'Se shaoil mi gu slan gu^m b f hearr dhomh tighinn 
'Na dhail ie gibhtibh a b 'fhiù ; 



45 

. t 
Gù-n cosnàìnn le àrraichd failt a chridhe, 
'S 'na là'ir gu-m bithinn le cliù. 

Cha-n f hac mi cor m' anma marbh fuidh'n mhallachd. 
No'n fhearg a bh' annam ri Dia ; 
Mi fèin a bhi m' chealgair dealbhadh meallaidh 
Do m' earbsa thana nach b'fhiach : 
No m' fhìreantachn fèin bhi breun, 's bhi salach, 
*S 'na stèigh mhi-fhailain do m' shìth ; 
Mo naomhachd gu lèir bhi èitich, greannach, 
Gun fheum a ghlanadh mo chrì, 

Ach thug e ri h-ùin domh sùil a dh'fhaicinn. 
Mar dhrìugh am peacadh 'n am ghnè : 
Nach eil e 'n am dhùbhlan lùbadh tairis 
Ri rùn ro bheannuichte Dhè : 

Gun chreidimh d'a sgeul, mar bhrèig dhomh fhocal 
Gun ghèill d'a reachd, no d'a àithn ; 
Gam' ardachadh fèin thar Dhè 'nam chleachdadh 
Gach ceum a' hacadh mo shlaint: 

Mo nadur bhi aingìdh, naimhdeil, fuileach, 
Mi-thainig na dunach bhi m' chrì 
Is gniomhan mo laimh lan aimhleis uile, 
Mo chainnt gu cumant gun bhrì. 
Mo naimhdeas do ghràs bhi araid domhain, 
O'n ardan doimhe tha m' chliabh ; 
'S mo mhi-chreidimh, gràineiJ, grànda, loìtheach* 
'G am f hàgaiì coimheach ri Dia. 

Och! mhothaich mi fhearg mar gharbh fhras pheileir 
No dealgaibh teine 'g am chràdh', 
Chaidh surdalachd m' anm' air falbh le h-eagal, 
Chaidh m' earbs a leagail gu làr, 
Ach thionndath e smuainte truagh mo chridhe 
Mun cuairt, ('se sireadh mo ghaoil,) 
*« A dh'fhaicinn mo luaidh, 's rud uainn nar dithis 
" Nach dual da rithisd gu-n sgaoil." 

'N sin thuig mi gu h-aobhach gaol mo charaid, 
Fear-saoraidh tairis nan daoi, 
D3 



46 

A thainig do'n t-saogh'l o thaobìi an Athar 

Chum saorsa cheannach dhoibh chaoi. 

Bha 'shiuhhal tre ghabhadh, 's bàs' ga chosnadh, 

Ach b' ard a chomas, 's a threis, 

Is mhair e ri là gun tamh ag obair 

An ait a phobuiil bu leis : 

Oir thug gu 'cùl an ùmhlachd seachad 
Bha *n cùmhnant 'g agairt gach rè, 
Gun aineamh, gun lùb, do chum nach tachradh 
Gu-n duint orr flaitheana Dè : 
Is dh'fhuiling e 'm bas bu chòir dhiobh f haighinn 
Le 'lan do mhallachdaibh geur ; 
Oir sheas e 'nan àit mar Hàthan daingean, 
Gu làidir diongalta, treun. 

Sùd umhlachd is bàs as aillidh feartan, 
Dh'fhàg slàn an Ceartas 's an Keachd ; 
(Huig Athair nan gràs, 's do Jàmh an taic riu, 
'8 bidh fhailt le tlachd ort, 's a dhreach.) 
Sud Fireantachd losa Criosd an TJrrais 
Kinn di.dadh bunaiteach, treun. 
Tlia 'n Tighearn Dia leath riaraicht tuille, 
'S cha-n iarr o dhuin ach i fèin. 

O'n thug e 'na airgheas gairm dhorah gabhail, 
Is tairgse a faghail 'san uair, 

A dh f hìreanach ni' anm' gu dearbh, 's gu deimhin, 
G.un airgiod, agus gun luach. 
O! cionnas a dlnultainn lùbadh ealamh, 
Le dì rachd ainneamh 'na còir! 
Ceud mhiann mo shùl an dlùs dhomh tarrainn 
Cur ùr-bhith annam le treoir. 

'Nuair thainig i' m' dhail le gràdh, 's le erei4Jn»h 
"An tàh,haehd teagaisg na sìth, 
Ghiàd f huaradh leam agh chuir sgàth oàf m' eagal. 
Is nàir air teagamh mo chrìdh, 
Nis tha mi air tìr le cìnnt 's le cothrom, 
Ge gìblidh dona mi fèin ; 



47 

Tha m' Urras gun dìobradh, chì mi 'chobhair, 
Gun dlth mu choinneamh gach feum. 



$i 



Cha teirig a ghras an càs no'n cunnart, 
'Se failteach, furanach, caoin : 
Cha-n eagal ieam bas. no cràdh, no fulan 
No nàmhaid guineach chloinn daoin. 
O! cionnas a dh'fhaodas gaol co barraicht 
Bhi faoin am bharail gu bràth! 
Gaol cridhe m' f hir-saoraidli daonnan ma'rium, 
'N dèigh taomadh fhala gu far! 

Cia maiseach e fèin, mac Dhè an Athar! 
Cia ceutach gealladh a ghràidh! 
Cia sgiamhach gu lèir a dhreuchda flathail ! 
'S caoin-bheuma faillin a laimh ! 
'S ann agam tha 'n reuson gèill, is urram, 
Is èisdeaclid ullamh thoirt da! 
Mo chridhe bhi gleusd, mo cheum bhi siubhal 
D'a rèir mar 's urradh mi ghna! 

O bitheadh mo cheann gach am gun obadh 
Ri tionnsgaibh thogas a ghlòir; 
Mo cridhe le m' laimh gu teann ri obair 
A ceannsach tograidh na feòl. 

Dhe, tabhair dhomh còmhnadh, dòigh, is uidheara, 
'S mi' m' dheòr neo-shuidhte ghnà : 
Gleidh m' anam o ghò, 'so sgleò fad m' uidhe, 
'S cum deò 'n am ghuidhe gu m' bhas. 



OBAIR AN SPIORAID NAOIMH. 

" Shaor e sinn tre ionnlad na h-ath-ghinmhfs*H 
**agus ath-nuathachadh an Spioraid naoimh-"«-^ 
" Bheir bhur n-Athair neamhaidh an Spiorad naomk 
li dhoibhsan a dh'iarras air è." 



L 



Dùisg a d' chodal, a thruaghain, 
Tha thu 'n cunnart, 's cha suail e, 
Tha thu ciontach, is truaillidh, 
Thaobh do ghnè, is do ghluasaicL; 



48 



Tha an Ceartas 'gad ruagadh 

Dh' ionnsuidh ifrinn na truaighe 

Chum do chlaoidheadh gu buan, is gu craiteach. 

Chum, &c. 

Tràill thu buileach do d' mhiannaibh, 
'S tha iad doilich a riarach', 
Nàmhaid guineach do Dhia thu, 
'Ai'ntean uile ro shiar leat, 
Nair gu tur ort a diadhachd, 
Dh' fhàg do thuigs, is do chiall thu, 
Chaill thu mothachadh d' iarguinn, 's b'e 'm bàs e. 
Chaill, &c. 

Tha thu feumnach air fuasgladh, 
Ged nach leur dhuit san uair e; 
'S mòr am beud e nach gluaist' thu 
Leis na reusonaibh buadhach, 
A thug le h-èigin mhìn, uasal 
Iomad eucorach duaichnidh 
O'n cor breun gu ath-nuadhadh àluinn. 
O'n cor, &c. 

M' annsachd Spiorad na naomhachd, 
A thig o'n Athair, 's o'n Aonghin, 
'Sè is urrainn^sa chaochlath, 
Spiorad cumhachd is gaoil è, 
Spiorad barraichte saor e, 
Spioraid carthannach, caoin e, 
'Spiorad acuinneach, faoilidh, gun àilleas. 
'Spiorad, &c. ' 

Ruig an t-Athair le h-urnaigh, 
'S iarr an Spiorad le dùrachd ; 
'Se a dh' fhosglas do shùilean, 
Chum 's gu-n tuig thu d' eas-ùmhlachd, 
Naimhdeas d' amfia do 'n chùmhnant, 
D' oibre marbha gun lù's annt, 
A cridhe cealgach nan lùb, is e gràineil. 
A chridhe, &c. 

Bheir an Spiorad duit leirsainn, 
Air d' fhein-fhireantachd bhrèige, 



i 



49 

'S air do rahìchreidimh èitich : 

Bheir e mothachadh geur dhuit 

Air do choire, 's air d' eucoir ; 

Chuireas tur thu gu h-èigin ; 

Chi thu d' uamhas duit tèin, is do chàch thu. 

Chi, &c. 

Ni an Spiorad do stiuireadh, 
(Ge neo-mhothaichte ciuin e ) 
'S theid thu rannsach' le dàrachd, 
'S le mor ghrain do d' nihi-chì.ram, 
Dh' fhios am faighear Ceann-iuil duit, 
A sheòlas slighe as ùr dhuit, 
'Se do mhiann a nis cùl chur ri d' àbhaisd. 
'Se do, &c. 

Gheibh thu seallàdh le h-aoibhneas, 
Air mòr mhaise na h-oighreachd, 
A bheir an ÌSlanuighear caoiinhneil 
Do na peacaich as oillteill 
A ni le creidimh dlu ghreim air, 
Ged b'i ifrionn a thoill iad, 

'S their thu, O thoir dhomh roinn ann ad ghràs dith*. 
'S their, &c. 

Gheibh thu sealladh le h-aiteas, 
Ann am fìrinn an 1'hocail 
Do Fhear-saoraidh nam peacach, 
Le 'chuid oifigibh taitneach, 
'S their thu, 4< M' annsachd. 's mo thlachd ris, 
M Nam biodh e agam am ghlacaibh, 
tf Bhiodh mo shonas co paiit as a b' aill -leam«" 
Bhiodh, &c. 

Theid thu direach 'na chòmh'ail, 
'S ni thu greim air gun ^òradh, 
Le fior chreidimh, 's le dòchas; 
Tha thu rag, ach theid deoin leàt, 
Tha thu lag, ach theid treoir leat, 
Oir is neartmhor d'fhear-cònihnaidh, 
Bidh Criosd is tu posd', 's tha sgar bàs sibh. 
Bidh, &c. 



50 

Cuiridh *n Spiorad ud èifeachd 
Ann an orduighean Dè dhuit ; 
Anns an t-searmoin 'ga h-èisdeachd, 
Anns an fhocal 'ga leughadh, 
Ni e d' urnaigh ro eudmhor, 
Ni e'n t-suipeir dhuit ceutach: 
Ni e tarbhach gu lèir iad ri'n gnàthach. 
Ni, &c. 

Bheir e leasachadh eòlais, 
Creidimh, gaoil, agus bròin duit, 
Bheir e neartachadh dòchais, , 
Tuille tomhais do shòlas, 
Is do'n irioslachd bhòidheach : 
Bheir e gras do gach seòrs duit, 
Is ri h-ùin bidh iad dòmhail, is làfdir. 
Is, &c. 

Ni e caochlath air d' inntinn, 
Bheir gu rèite, 's gu sìth thu, 
Ris an lagh a thug Criosd duinn : 
Bidh e uile leat prìseil, 
Bidh tu daonnan 'ga sgrìobhadh, 
Air do chridhe gu dìleas, 

Chum 's gu-n cleachd thu le dìcheall gach là e. 
Chum, &c. 

Bheir an Spiorad gu beaclidaidh, 
Air gach maoidheadhj is bagradh, 
A tha sgriobht anns an f hocal, 
'Sa thig gu crìch air luchd seachrain 
D' iomain dìreach o'n pheacadh, 
Chum gach innleachd a sheachnadh, 
Chuireadh sios thu fuidh smachdachadh Shàtain. 
Chuireadh, &c. 

'Slionmhor gealladh ro luachmhor 
Th' aig au Spiorad gu d' f huasgladh, 
'S gu d' lionadh le luathghair, 
'Nuair bhios d' aghaidh ri cruadal : 



51 



'S thig iad thugad air uairibh, 

'S thu air faobhar na bruaiche, 

Ged nach deanar leat gluasad 'nan dailsan. 

Ged, &c. 

Bidh gach cùis anns an fhreasdal, 
Air an stiuireadh gu deas leis ; 
Ma bhios tu sàraicht, no seasgair, 
Ann an àilleas, no'n easbhuidh, 
Ann an slàinte, no'n easlaint, 
Bheir e ghnà chum do leas iad, 
'S bheir e sàbhailte leis aig a bhàs thu. 
'S bheir, &c. 

Iarr a chòmhnadh 'sa chaonnaig, 
Oir ma ghleachdas thu d' aonar, 
Bidh do bhuillean ro aotrom. 
Bheir do namh thu fo dhaorsa, 
'S cuirear glùn ann ad thaobh leis, 
Dh'fhàgas brùit thu ri d' shaoghal, 
Mur bi'n Spiorad ro naomh ud riut bàigheil 
Mur, &e. 

Deangaidh 'n Spiorad duit seula 
Dh'fhàgas 'aileadh gu rèidh ort, 
(Iomhaigh bheannuicht do Dhè e, 
Naomhachd, soilleir ri leughadh;) 
Dearbhadh glan gur leis fèin thu, 
'S gu-m bi 'n oighreachd dhuit glèidhte 
Bidh e dhuit mar an ceudna *na earlas. 
Bidh, &c. 

'Se 'ra fior Cho'fhurtair mòr e; 
Ged a chiosnaicht le bròn thu, 
An slochd iochdrach na dòrainn, 
Bheir e nios thu treoir as, 
Chum do lionadh le sòlas 
Bhios do-innseadh, làn glòire; 
Cha-n-eil crioch air a thròcair, no 'chairdeas 
Cha-n-eil, &c. 



5% 



Fhir tha crcidsinn a BhiobuiU, 
On is truaghan gun chlì thu, 
Taic ri Spiorad na f'ìrinn, 
Chaoi na fàg e air dìchuimhn, 
Earb do shlighe, 's de shìth ris, 
Cum do shùil gus a chrìch air, 
Sàr Cheann-iuil e nach dìbir gu bràth thu» 
Sàr, &c. 

Bhri gu bheil e ro uasal, 
Bi air d'fhaicill 'ned ghluasad, 
Buin gu failteach, 'sgu suairc ris 
Gun a cbradhàdh. no 'bhuaireadh, 
Oir is grain leis ni truaillidh: 
# S ged nach fàg e car uair thu, 
'S mor do chall ma bhios gruaim air Car trà riut. 
'S mor, &c. 

Amhlair ghraind tha 'gad iomairt 
Anns a chlabar 'gad mhilleadh, 
'Stigh do Shàtan do chridhe, 
Tha thu 'd 'nàmhaid do'n Spiorad; 
Pill gun c3a.il, 's rach g'a shireadh, 
Na gabh àicheath, no piHeadli, 
B'e do shlaint e ged bhioradh e d' àirnean* 
B'e do, &c. 

Cha-n-eil athair 'san t-saoghal 
A bheir tiolac d'a aon mhac, 
Leth co eusgaidh, 's co faoilidh, 
'S a bheir Athair nan saor ghibht 
Spiorad beannaicht na naomhachd 
Do'n ti dh'iarras gu caoin e, 
Chum 'athnuadhachadh daonnan le 'ghròsaibhc 
Chum, &c. 

A thi beannaichte, ghloirmhoir, 
A th' air caithir na mòrachd, 
Tha siol Àdhaimh co gòrach 
*§ nach eil miann ac air d' eòlasj 



53 

Cuir do Spiorad gu'n seòladh, 

Chum 's gu m pill iad gu deònach, 

Dh' ionnsuidh slighe na còrach, 's.na tflainte. 

Dh' ionnsuidh, &c 



MOLADH GRAIS. 

" Is leoir mo gràs-sa dhuit." 

As do mhoineis, o m'anam, grad dhùisg, 
Is le dùrachd bi guidheadh gach tra, 
Gu-m fosgail an t-Ard-Righ do shùil, 
Gu bhi faicinn cia dlù dhuit a ghras. 
On tha thu ad pheacach ro thruagh 
Air do thruailleadh o d' mhullach gu d' shail, 
On a thain' ort am mallachd le buaidh, 
Ga do bhualadh gun iochd leis a bhas. 

'S b'e sud am bas uamhasach, searbh, 
Naimhdeas garg anns an inntinn ri Diat 
Seachran aigne, is coimheachas anm', 
Ardan cridhe ro anbarrach dhian, 
Fuath ro shonruicht do'n t-Slanuighear chaomh, 
Bhios ag aontachadh 'cheusadh gun daimh ; 
Agus tair air an Spiorad neo-bhaoth; 
'S ais an obair ro-chaoin tha 'na laimh. 

Tha an t-as-creidimh fuaight ruit a ghna, 
'Stric a bhrist thu na faintean gu lèir; 
Thaobh na thug thu do'n pheacadh do ghradtv 
Is do Shatan, ge dian e ad dhèigh : 
Do mhi-chùram is d' aineolas dall, 
Do thuigse ro mhall, ach san olc; 
Do smuaintean tric null is a nall, 
Gun dad buannachd, ach call a thoirt ori. 

Ach o ! 'se mo chreach thair gach cùis, 
Thu bhi dùr ann ad naimhdeas do ghras ; 
Ged 'se gras tha 'gad leigheas gu dlù, 
'S a gheibh 'n cliù uait am flaitheas gu brath ; 
E 



54 

B'e sud an gras iongantach, suaire, 
Gràs as cumhachdaich buaidh agus feart, 
Gràs ro shaor. is ro phailt. is ro bhuan, 
Gras ro uasal d'an dual a bhi ceart. 

Cion ach gràs rinn do thaghadh o thus? 
(O m'anam, grad umhìaich thu fèin!) 
\S a ghabh ortsa sar-bheachd le deadh rùn, 
Nuair bu tusa an diu ameasg cheud? 
Ciod ach gràs thug an Slanuighear nuas, 
Greis air chuairt measg nan truaghan a bhos; 
A thoirt umlachd 's a dh'fhulang gu cruaidh, 
Chum gu-m faigheadh tu suaimhneas, is fois? 

Nach e gras thug an soisgeul do'n tir, 
Js a mhin-ghuth gu d' chridhe a steach; 
'Nuair tha iomadach fìne d' a dhith, 
Is na miltean 'ga cluinntinn gun bheachd? 
Nuair bha thus aig an leomhann fuidh 'mhaig 
'S gun a h-aon teaclìd le cobhair 'n ad dhail, 
'S e gun dail dol gu d' reubadh gun truas; 
Kach e gràs rinn do thiorcadh 'san uair? 

I>ha do pheacanna *g èiridh 'nan carn, 
Mar na beanntaichibh ard os do cheann; 
Iad co lionmhor ri gaineamh na traigh, 
Hi feur fasaich, no cluilleach nan crann. 
Bha iad sud mar na neulaibh dubh, dorch, 
Bagradh doininn bhiodh borb ort o'n speur; 
Thainig gras. thainig ciuineas 'na lorg, 
Dh'fhalbh an stoirm, 's tha fiamh ghair air a ghrein. 

'Se a dh'fìreanaich thu o gach lochd, 
Hha thu bochd, 's rinn e oighr' dhiot air Dia^ 
Tog do chridhe, an siubhail fo sprochd, 
Oir cha nochdar e chaoi dhuit ach fiaU 
On a thug e air flaitheas duit coir, 
Oha diult e dhuit solas do d' chrì, 
le arn feadh bhios tu gabhail an roid* 
Ni a Spiorad do sheoladh gu mìh. 



■^■^^MB 



55 

Cha sòr e da naimhdean a chìaoidh', 
Is cha mhaoidh e ort costus gu d' riar; 
Cha bhi sgios air 'gad bheannachadh ebaoi, 
Is cha chuimhnich e lochd rinn thu riamh. 
Le bhi creidsinn, 's a cogadh gu dlù, 
Le bhi 'g obair, 's ag urnaigh gun sgur, 
Le bhi fulang gu faighidneach, ciuin, 
Bheir gràs chum do rùin tha gu tur. 

Oir tha acuinn 'san f hocaì gu leoir, 
Thoirt da laigse gu treoir, is gu neart; 
Iomadh gealladh ro phrìseil, 's mhòr, 
Iomad àithne ro chòir, is ro cheart, 
Iomadh cuireadh ro thaitneach, is gairm, 
Iomadh tairgseadh an nasgaidh de 'n t-slàint; 
Iomadh bagradh, 's ged tha iad ro shearbh, 
Tha iad feumaii gu d' thearbath o d' nàmh. 

Ged tha 'n seann duine fathasd 'n ad fheoil, 
18 e 'n comhnuidh a tionnsgnadh do thruaigh; 
Ged chum e riut cogadh ri d' bheò, 
'S their gras riut, Is leoir mi gu buaidh. 
Ged tha thusa gun spionnadh, gun treoir, 
Agus deuchainnean mòr ort mun cuart, 
Agus d' eagal 'g radh, Caillidh tu 'n deò; 
'Se their gràs riut, Is leoir mi gu buaidh. 

Ged tha romhad trom obair, 's cruaidh spairn, 
Is do chomas deo bhràideach 'san uair; 
Na h-ob dol 'nan coinnimh gun sga, 
Oir their gràs riut, Is leoir mi gu buaidh. 
'S ged nach feudar leat teicheadh o 'n bhàs, 
Ach gu-n càirear do chorp anns an uaigh, 
Na gabh fiamh, creid an gealladh gu slàn, 
A thug gràs duit, Is leoir mi gu buaidh. 

Nuair a thig la a bhreitheanais mhòir, 
'S a theid ordugh a bhreitheimh am fad, 
A dhùsgadh 's a thional nan slògh 
Chum 's gu-n seas iad am mòd ud gu grad : 



56 



Theid na h-aingidh a dhìteadh chum bàis 
Bidh an siorruidheachd cràiteach gu leoir; 
Theid na h-ionracain dachaidh gu bràth, 
'S cuiridh gràs thu 'nan cuideachd chum gloir. 

Cha bhi duine 'sa chuideachd gu lèir, 
Nach bi gleus air ag moladh a ghràis ; 
Bidh Abraham 's Maois ann le chèil, 
Agus Daibhidh nan teud, is nan dàn: 
Bidh Manaseh 'nam meadhon mar sheòd, 
Agus Daniel, 's Ioseph an àigh, 
Bidh seann Simeon,'Peadar is Pòl, 
Muire Magdalen, 's Eoin fear mo ghràidh. 

Bidh am meairleach fhuair gràs air a chrann 
'Na ghaisgeach nach fann a measg chàich; 
Bithidh mìlteann gun àireamh dhiubh ann, 
Agus moladh nach gann ac aìr gras: - 
Gras an Athar a shònruich dhoibh buaidh, 
Gràs a Mhic chaidh 's a chruadal gu seamh 
Gràs an Spioraid a threòraich iad suas, 
Dh'ionnsuidh comuinn nan uaislean oir neamh. 



MOLADH NAN GRAS. 

fs etoradhan Spioraid gràdh,aoibhneas, sith^Jad^fhulangas, 
caomhalachd, maitheas, creidimh, macantas, stuaim. 

Thoir an aire, o m' anam, gu geur, 
Ciod am feum a tha 'n eleachdadh nan gras; 
Is nach ruig thu air uaisle fo 'n ghrèin, 
Mar de ghluasad bhi rèidh ris an àithn. 
Tha do nàdur gun riaghailt, gun chonn, 
Chaill e 'm fonn a chuir Dia air a thùs; 
Tric air uideaì mar ghluasad nan tonn, 
Glacadh sonais gun bhonn, is gun sùgh. 

Tha e 'n còmhnuidh ag iarruidh sgrios, 
Tuig an f hìrinn so nise 'na thrà, 



57 

Is bi 'g iarruidh an Spioraid gà lios 1, 
Chum 's gu~m fiosraich thu sonas nan gràs. 
Gabh sar Eolas air briathraibh a bheil, 
Gabh r'a sgeula le Crefdimh glan, ùr, 
'Ni an t-eòias duit solas do d' cheum, 
Bithidh 'n creidimh dhuit feumail mar shùil. 

Bithidh fradharc ud sìor dhol n'as fearr, 
Gus an ruigear leis airde an lò; 
Bithidh 'm fradharc ud ìeasachadh ghnà, 
Gus an dealraich dhuit thu shuas ann an glcir 
Ni an creidimh dhuit easan chum triall, 
Agus sgiathan chum itealaich ard, 
'Se an lamh ghabhas tairgseadh do Chriosd, 
Is an sgìath ni do dhion o do namh. 



'S 



Bheir an creidimh dhuit buaidh air an t-saogh*l, 
'S air na h-uile ni faoin tha 'na ghlaic; 
Oir tha neart aig nach leir do chloinn daoin, 
'Se an Trianaid ro naomh a chultaic 
Bithidh ghnath aig a chreidimh 'na chòir 
Deadh chòisridh do ghràsaibh nach crion; 
Is e fèin ac 'na oide ro chòrr, 
Chum an seòladh, 's an greasad gu gniomk 

Bithidh 'n còmhnuidh ag siubhal 'na chois 
Àn t-Aithreacthas soisgeulach, tìà, 
Nach gabh suaimhneas am peacadh, no fob, 
Ach ag osnaich le bròn, is le gradh* 
Bròn mu d' chionta, s mu d' thruaighe mun seach. 
Bròn mu d' pheacannaibb gin agus iocnb, 
Bron mu d' ^hiobradh air fìrinn &n r< . -.chd, 
Is mu d' sheaehran ciau iada o Chriosd. 

■\h do 'ìì Athait thug gradh dhuìi o c. 
Gràdh do'n Mhec thug gradh dhuit dh 

do'n Spiorad chuir gràdh ann i I ' ; 
Sa i>. cò miinadh gsch ìai n& chum fàis. 
Gradh ie d* anara, 'ie le d' chridhe gu leir, 
Le dinntinn g a rèir sud, ', le d neart j 
E 3 



58 

Gradh do fhìrinn, 's do fhocal a bhèil, 
Gradh d'a shluagh, is d'am beusaibh ro cheart. 

Gràdh bhios seamh ris gach duine mun cuairt, 
Ach gu sonruicht ri truaghan air for: 
Gradh bhios trèibhdhireach, bàigheil làn truais, 
Is d'an dual a bhi caomh ris gach.cor. 
Lois * ghràdh thig an t-Aoibbneas e uh faoin, 
Cha-n-e aoibhneas an daoinibh, no nì; 
Cha-n-e aoibhneas 'nad f hlreantachd bhaoth, 
Tha mar ghaoith, no mar chobhar gun bhri. 

Ach sar aoibhneas 'san Dia is leat fèin, 
Nach dìbir, 's nach trèig thu ri d' bheò; 
Reir a chùmhnaint a rinn e o chèin, 
Is a mhaireas gun bhrèig, is gun sgleò. 
Sud an t-aoibhneas ni thusa ro ait, 
Nuair bhios d'àirc, 's do gheur leanmhuinn ro mhòr, 
Nuair bhios d'amhghar 's do thriobloidean pailt, 
Bheir an t-aoibhneas an sgait as do chorr. 

Nuair a sheallas tu null thair na h-uaigh, 
Air'gach àgh air an d'fhuaradh dhuit còir, 
Togaidh n' Dochas an t-aoibhneas gu h-Uaill, 
A bhios buileach do-luaiuh, is làn glòir. 
Thig' nan cuideachd sud, samhchair, is Sith 
O nach dìbir an rèite gu bràth ; 
'S on tha 'm fìreanach' diongmhalt gun dìth, 
Bidh do naimhdeas fuidh chis aig a ghràs. 

Mar a chreag ann am meadhon a chuain, 
Is na tonna ga bualadh gun tàmh; 
Ged bhiodh buaireas gach taobh dhuit mun cuairt, 
Ni an t-sìth so doth-ghluasadh, thu ghnà. 
Ni an Spiorad thu macanta, mìn, 
Ni e d' isleachadh sios gus an làr; 
Chi thu aobhar air irioslachd crì, 
Oir bu dìblidh do chor, mur bhiodh gràs. 

Cbi thu aobhar air Taingealachd mhòr, 
O nach eil thu fuidh dhòrainn 'san t-slochd ; 



59 

'S on a f huair thu an gealladh 'nad dhorn, 
Ged bhiodh bròn ort car tamuil fo sprochd. 
'S feaird tha Faìghidinn mhaireannach, bhuan: 
Oir cha dual duit o thriobioid bhi saor 
Agus theagamh gu-n ceanglar a chual 
Air do ghuaiinibh gach latha ri d' shao'l. 

Is cha mhisd thu bhi Caithris * gach uair, " 
(Gun dichuimhn air Stuaim, no air Eud,) 
Gabhail beachd air gach bealach mun cuairt, 
Gu do ghleidheadh o bhuaireadh, 's o bheud. 
Gheibh thu spionnadh; is misneach o'n Uan, 
S bidh do Chruadal neo-mheat anns an stri: 
'Na gabh aomadh le gealtachd car uair, 
, Oìr thig buaidh leat tre'n Cheannard nach clì. 

Tha do naimhdean ro lionmhòr, 's ro dhoirbh, 
Mìle diabhol gle choirbt, is gle dhàn, 
D'fheoil, 's do mhiannan ro dhian, is ro bhorb. 
Is an saoghal le colg, no le gàir,- 
A toirt ionnsuidh, gach latha gun sgìos, 
Air do tharruinn a dhiobradh ào shlaint 
Le bhi dearmad a chreidimh 'm bheil cìì, 
Is a bhrì tha 'na ùmhlachd oo'n àithn: 

Gus an lean thu an cleachdadh th' aig eàch, 
Bhi 'g ad ùnairt 'sa chlabar mar mhuic; 
Chor 's gu-m bi thu 'nan cuideachd gu bràth, 
Air do chràdhadh am meadhon an t-sluichd. 
Ach gabh thugad uil armachd an Triath, 
Cleachd na gràsan ro bbriagh ud gu treun; 
Cha tig buaidh dhuit a taise no fiamh. 
Ann an cogajfc ro dhian nan cruaidh-bheum. 

Leaa gu durachdach, daingean an spairn, 
Cha-i^eil lasachadh 'n dàn duit san fheòil: 
Ach gidheadh bidh do spionnadh sior-fhàs, 
'S caithear càileachd do naimhdean mar cheò. 

• Faire, 



60 

Ni na gràsan ud snasmhor do bheus, 
'S iad a ghleusas do chridhe air chòir; 
Bheir iad fiaitheanas nuas duit fuidh'n ghrèin, 
Gus an tèid thu gu siorruidh chum gloir. 

CEISDEAN SOISGEULACH, NO 

Criosd na h-uiie anns na h-uile. 

O BHEURRLA RALPH ERSCINN. 

C. Ciod an t-eòlas, f hir-beathachaidh 'n treud, 

Bheir dhomh sonas nach trèig mi gu bràth? 
F. Eòlas creidimh air Iosa mac Dhè, 

'Sea f hreagras do d' f heum anns gach càs. 
C. Chaill am peacadh dhomh Dia, 's gach ni maith, 

C'àit am faigh mi dhomh fèin iad a ris? 
F. Ann an Criosd, on tha 'n Spiorad toirt brath, 

'S an sgeul aìt a tha 'n soisgcul na sìth. 

C. Cionnas idir bhios Dia is mi rèidh, 

Oir is èitich mo pheacadh 'na ià'ir? 
F. Ann an Criosd, far $m taisbein e fein 

A dheadh-ghean gu lèir dhuit, 's a ghràs, 
C. C' àit am faìgh mi deagh sheailadh, is roinn 

D'a chuid gràsan, 's d' an aoibhneas ro mhor? 
F. Ann an Iosa a riochd, agus 'oighr*, 

Arms an soillsich gu dealrach a ghìoir. 

C C'àit an iarr, is am faigh mi na leoir 

Do gach ionmhas a chòmhnas ri m* shlàìru 
F. Ann an Criosd ghcibh thu pailteas ?o mhòr, 

Oir tha esan an còmhtfiuùU] gle iànf , 
C C'àit aa teicb mÌ o'n chorruieh ro gheuv 

A tha tuitean- gu \àfee air mo cheann? 
F. Dh'ionnsuidh £b jos4 r.each a ghiuìain leis fèin 

Corruich uamhà-j-eh Dhè air a chmnn, 

* E*hb. I, 3. fr Èoliài. ì4. U . 



61 

C. Cia raar stiurear rao cheumanna suas 

Is mi buailteach do sheachran a ghna? 
F. Is e Criosd an tsligh choisrigte nuadh 

Anns an gluais thu gu dìreach an aird. 
C. C'àit am faigh mi air flaitheanas còir, 

'S air an t-sòlas gun chrìch a th' air nearah? 
F. Ann an Iosa an Slànuighear raòr, 

'Se Iehobhah ar fireantachd e. * 

C. Cia mar nithear mis iomchuidh air glòir, 

'S mi co neò-ghlan am shiubhal, 's am ghniomh? 
F. Ni fuil Iosa thu cionalt gu leoir, 

Ni a Spiorad thu bòidheach gun ghiomh. 
C. Cia mar leanas mi 'n t-slighe gu ceann, 

'S mi co fann, is co anmhunn diom fèin? 
F. Bithidh Iosa 'na neart duit gach am, f 

'S cha bhi 'chobhair dhuit fann ann ad fheum. 

C. Cia mar chlaoidhear mo naimhde mun cuairt, 

Daoin' is deamhainn 'gam bhuaireàdh gùn sgur? 
F. Tre Chriosd bheir thu tuilleadh is buaidh J 

Chuire 'n ruaig air na naimhdibh gu tur. 
C. Bidh mo chogais 'gam dhiteadh, 's gam chràdh; 

Cia mar chuirear a cnàmhadh air chùl? 
»P. Nochdaidh Criosd duit a mhaitheanas slan, 

Chi thu fàilt, agus gean air a ghnùis. 

C. Cia mar ruigeas orm tròcair gu bràth, 

'S lion mhor, graineil mo pheacanna fèin? 
F. Sruthaidh tròcair troimh Chriosd ort a mhàn,'*' 

'S pailte gràs na do lochdan gu lèir. 
C. Ach nach èirich an Ceartas le coir 

Eadar trocair is mise ma feasd ? 
F. Fhuair an Ceartas o Iosa na leoir, 

Arson d'fhaichan, 's bu mhor iad gun cheisd. 

C. C'àit am faicear leam maitheanas fìal 

Teachd o Dhia dh'ionnsuidh m'anma gun dàil? 



i 



* Eabh x. 20. f Jer. xxiii. 6. $ Isa. xlv. 24. 
U Rom. viii. 37. 



62 



F. Chi thu sud ann a geallannaibh Chriosd, 

Am fuil Ios' a rinn rèite le 'bhàs. 
C. C'àit am faigh mi na geallanna fèin, 

'Nan cultaic ann am feum, 's nan cùis earbs? 
F. Ann an Criosd tha iad uile gu lèir. 

Nan Seadh 's 'nan Amen ; dainghean, dearbht.* 

C Agus c'àit am bheil Criosd: Ochon ! C'kit, 

Le chuid geallannaibh gràsmhor gu lèir! 
F. Gheibhar Criosd anns na geallanaibh ghnà, 

Chi do chreidimh e là'ir annt gun bhrèig. 
C. Chriosd 'sa ghealladh ! 's an gealladh an Criosdt 

Cia mar chi mi gur fior sud le chèil ? 
F. Leis an Spiorad bhi càramh fuil Ios', 

Is a gheallanna lion-mhor ruit fèin. 

C Ciod an dion, is an tioreadhf as fearr 

Dhomh o bhagraidh neo-bhàigbeil an reachd? 
F. Sealladh creidimh do'n ùmhlachd chum bàis, 

A thug Iosa an Slànuighear seach 
C. Innis co bheir an creidimh sin dòmhs, 

'S mi gun treoir leis an cuir mi e 'n gniomh? 
F. Cumaidh Iosa riut creidimh ri d' bheo, 

'Se a Cheannard o thùs gus a chrioch.J 

C. Ochon ! c' uin a gheibh 'n t-ascreidmheach mis, 

Tiolac measail a chreidimh o Chriosd? 
F. Nuair a leigeas e d' kschreidimh ris, 

Is tu fiosrachadh fhocail 'n ad sgios. 
C. Bithidh 'n t-aithreachas feumail gach là, 

Cia mar gheibh mise càil da co buan? 
F. Gheibh o Chriosd, chaidh mar cheannard an aird 

Gur an gràs sin thoirt seachad do'n t-sluagh.|| 

C. Am faigh àmhlar, co truaillidh, 's co baoth, 
Glanadh cridhe, is naomhachd gun sgleo. 

F. Gheibh; ni Criosd, duit 'na Leghich 'bheir bàrr, 
Chuid a chuid ort an caochlath sin fos. 

• 2 Cor. i. 20. f Tioncadh. | Eabh. xii. 2. 

U Gniom. ▼. 31. 



63 

C» Cia mar ni mi na h-oibre gu deas 

Tha mar dhleasdanas orm leis an reachd? 

F. Bithidh Criosd ann ad 'g oibreach le treis 
Toil is gniomh gu do leas chur an cleachd*. 

C. Cia mar dh'fheudar mo leìgheas gu bràth, 

Is mi galarach, gràineil, ro bhrùit? 
F. Bithidh Criosd duit na Leigh 'bheir bàrr, 

'Se an Tighearn a shlànuicheas lhu\. 
C. Seol mi cionnas a dli'iarras mi 'ghnuìs, 

Is mo chridhe 's mo dliùrachd co marbh: 
F. Doirtidh Criosd ort an Spiorad gu dlù, 

Gu do sheòladh chum urnaigh gun chealgj . 

C. 'San mhor ard m' obair slaint tharum fèin, 

Ciod ni mis, 's mi gun fheum. is gun sta? 
F. Sabhaidh Criosd diot gach eallach gu ièir 

'S e«an Alpha 's Omèga na sJaint||. 
C. C'ait am faigh mi deadh bhanchar do m' earbs, 

Chum nach èirich i calm agus meallt? 
F. Ann an Criosd a clach bhuinn a tha dearbht, 

Kis an còir dhuit bhi leanmhumn gu teann^J. 

C Cia mar gheibh mi an sal chuir air falbh, 

Nuair a thuiteas mi 'n salchar ro ghrànd? 
F. 'vS tobar glanaiclh fhuil Chriosd ie mor thairbh, 

Pailte, rèidh dhuit gach aimsir 's gach trà. 
C Creachan ! ciod ma thig plaighean ro mhòr, 

Ma thig bròn, agus eagal san aire? 
F. Tha sàr iocshlaint aig Criosd do gach leòn, 

Agus buideaJ gu d' dheoir chur an taisg. 

• Pbil.ii. 13. f Ecsod. xv. 26. % Sech. xii. 10. 

3 Taisb. i. 8. 'Siad Alpha agus Omega ceud litir agus litirdbeirioo- 

aach aibdeal na Grèigis, agus an uair a bheirear iad mar ainm do 

^hriosd, tha iad ag cialiuchadh, ni h-e amhàin gur e an ceud neacte 

^- igus an neach deirionnach, aci» mar an ceudna gur e Tùsagus Crioch 

ia slainte. 

5 Tsa. xxviii. 19. 



64 

C. 'S mis am peacach as caillte 'san t-saogh'l, 

Cia mar dh'fheudar mo thiorcadh o thruaigh? 
F. On is Slanuighear Criosd nach eil baoth, 

Bheir e saorsa gu h-iomlanachd uaith.* 
C. Tha mo gheilt roimh thein' ifrinn ro mhòr, 

Am bheil dochas gu-saorar mi uaith? 
F. Bithidh Criosd duit 'na fhasgath fadheòidh, 

O gach dòrainn, 's o'n chorruidh tha buan. 

C. Cha bheag m' eagal, as m' uamhunn roimh 'n bhàs, 

Cia mar theid mi le dànachd 'na chòir: 
F. Thugadh 'n gath as le Iosa 'na ghràdh, 

Nuair a dh'eug e 'nad àite le deoin. 
C. Cia mar fhreagaireas Criosd anns gach càs, 

Gach cor, is gach sàs a thig oirn? 
F. 'Se is Uil anns na.h-uile do'n t-slàint, 

'Se Iehobha lan gràis agus gloir.f 

C. Cia mar dh'fheudas e'n còmhnuidh bhi là'ir, 

A thoirt slàint agus teasairginn duinn? 
F. On is fagus ainm glòirmhor a ghnà, 

Imànuel, Dia maille ruinn\ 
C. Is an co'lion e dhomhsa an t-slàint' 

Gun dad fhàgail an taice rium fèin? 
F. Cha dean thusa as 'engmhais-san stà, 

Tha do chàil, is do chomas mi-gleusd. 

C. Ach nach feud mi bhi riarach' mo mhiann, 

Ma ni Criosd domh an obair gu slàn? 
F. Sgriosaidh Criosd iad an ifrinn gu cian* 

Bhios ag iarruidh mi-bhuil thoirt-a 'gràs. 
C. Cia mar mheudaicheas m'eòlas le gaol 

Air an t-Slànuighear chaoin fad mo rè? 
F. Meas, an coimeas ris, saibhreas an t-sao'il, 

Bhi mar challdach, no aolach gun f heum.jj 

* Eabh. vii. 25. f Col. iii. 11. \ Mat. i. 23. | PhiL lii. *. 



65 

GRADH DHE. 

I. CHUID. 

" Is gradk Dia." 

Saor ghradh an Triath do na peacaich iargult, 

Air seachran cian 'se rao mhiann a sheinn; 

Is mo na raiorhhuil gu-n cluinnte riarah dad' 

Ach bagradh fiadhaich 'na bhriathar leinn. 

Ri sgeul air gaol leis an Athair naomha, 

Do'n chinneadh dhaonna gu caomhaill, dlu, 

Do chum an saoradh, le raaise naomhachd, 

Cia 'm fear nach saoileadh gu-m b'fhaoin bhi 'n dùil. 

On tha iomhaigh Shatain, gu soilleir, gràineil 
Air iarmad Adhaimh, 'nan gnàth gu lèir: 
Tha teist gach Ì'a orr, nach feudar aicheadh, 
Gu bheii an nàdur, 's an nàmhaid rèidh. 
Gidheadh tha'n f hìrinn toirt fianais chinnteach 
Air gradh ro dhìleas an Tì as aird, 
Do pheacaich bhaotha a chinneadh dhaonna, 
Tha duaichnidh, daobhaibh, 's nan aobhar gràin. 

Is gràdh neo-chriochnach, is gradh nach crion e, 

Ach mar an t-siorruidheachd dhiomhair, ard. 

Gradh ard mar neamh e, gràdh 's doimhne freamh e, 

Gràdh fada, rèidh e, 'sa leud toirt barr. 

Ceud mheas a ghraidh ud ann innleachd aluinn 

Gu daoin* a shlanuch' le bas mhic Dhè. 

Sud innleachd uasal chum gloir a bhuaidhean 

A thogaii suas thair air smuain gu leir. 

Chaidh glòir a cheartais a dheanamh beartach, 
Le iobairt ghasda nam feartan fìor; 
, Ohaidh glòir an fhìrinn a dheanamh cinnteach, 
Toirt bagr* an dìtidh gu crich air Criosd: 
^haidh glòir a ghraidh dheanamh soilleir, dealrach 
^ur a Mhic gu bas ann an ait nan daoi ; 
F 



66 

'S bha glòir gun traoghadh d'a thròcair chaomha, 
Toirt thruaghan saor o bhi caoineadh chaoi. 

Chaidh glòir a naomhachd a dheanamh maoineach, 
A glanadh dhaoin le fuil chaoin an Uain : 
A toirt air falbh uath gach uile shalchar, 
A chuir mi-dhealbh air an anmaibh truagh. 
Chaidh glòir a ghràsan a nochdadh aluinn, 
Toirt seach a shlàint, is a ghràidh gu saor: 
'S b'e glòir a ghliocais, gu dòigheil, riochdail 
Gach buaidh 'nam measg bhi gun bhristeadh claon. 

'Si sud an innleachd mu'm bheil e 'g innseadh 

'Na leabhar prìseil a sgrìobh e dhuinn : 

Ge h-iomadh fìrinn a tha sa Bhiobull, 

'Se 'n gràdh ud cinnteach am brì 's an suim. 

'S b'e'n gràdh do rìreadh thug dhuinne sgriobhadh 

'S am bheil gach fìrinn tha binn ri luadh, 

B' e'n gràdh a' dh'orduich goch ceura, is dòigh gus 

Na peacaich mhòr thoirt gu glòir an Uain. 

Tha comhar fior air, gu-n chuir-e Iosa 

An staid ro iosal 'gur dion o bheud; 

'S a nochdadh saimpleir ro mhaiseach, dhaimheil. 

Do ghràisg mhi-thaingeil, nan cainnt 's nam beus; 

Gu'n stiuireadh dìreach air ceum na fìrinn, 

Gn sonas cinnteach an tìr na glòir; 

Ged 's e a thoill iad, a la 's a dh'oidhche, 

Mil ifrionn oilteil, 's ah aoibhinn mhor. 

ii. bpip* 

An t-eon Mhac graidh ud, 's an robli a nàdur, 
A bha co ard ris, 's co àillidh, noamh ; 
Bha 'uile mhiann leis, 'na rùn ro fhialaidh 
Mu pheacaich iarguinneach, chianail, bhaoth. 
Man d'rinn e*n saoghal bu phailt a smaointean 
Mu chlann nan daoin a thoirt saor am feasd. 
Ge b'ard an glòir e bha miann ro mhòr aig 
Air teachd a chòmhnuidh 'san fheoiì 'nam measg# 



67 

'S ged bba e faieinn na leoir gu 'bhacadh 

Gach aobhar acain a thachradh ris, 

Cha d' rinn e caochlatb, cha d' mhùth e 'ghaol doibh, 

Ach sheas e daonnan, gun aomadh leis. 

'S nuair thàin' an ùinè, a reir an rùin ud, 

Thug e lexlùrachd an ùrahlachd uaith, 

A choisinn failte an Ti as aird doibh, 

'S a bheir gu kit iad 'na àros shuas. 

Bha peacadh chàich air, is rug am bàs air 
Le mallachd àraidh gu craiteach, geur; 
Oir dh'agair Dia e, arson nam fiachan, 
On gheall e'n dioladh gun ghiomh o chèin. 
Be'n sealladh àluinn, bhi faicinn Ràthain 
Toirt geill chum bais, ann an ait an t-sluaigh, 
B' e'n comhar gràidh e nach cualas àicheadh, 
'S cha tèid a shàmhuil gu bràth a luadh. 

Bha cleachdadh Iosa gu h-uasal, iosal, 
Bha bhearta miorbhuileach lionmhor, tric; 
Cha robh e diomhanach, 's tric bha sgios air, 
Gu h-ocrach, iotmhor, rl gniomhuibh seirc. 
Bu lionmhor euslaint, is gala'r èitich 
Da'n robh mar lèigh e, gun èis, gun chosd: 
Thug guth a bhèil-sa do'n dall a leirsainn, 
'S do'n bhodhar èisdeachad r'a sgeul le tosd. 

Thug cumhachd 'fhocail a lù 's do'n bhacach, 

'S do mhiltibh acrach lan phailteas bìdh; 

Ghrad chuir e seanchas an teanga bhalbhain, 

Is chual na mairbh e g'an gairm a nios. 

Bha 'cheum an còmhnuidh a dheanamh tròcair 

Air muinntir leointe, 's air deòraibh bochd: 

'S cha d'f huair a nàmhaid ach gean is gràdh uaith, 

Ara fad 's a bha e 's an fhàsach bhos. 

'S a nis ge h-ard e, cha dean e tàir orr, 
V Tha chrì' co gràdhach 's a bha e riamh: 
Tha 'chuireadh f haoilidh, 's an t-soisgeul chaomhail, 
Aig cloinn nan daoine, gu saor, gach ial; 



68 



Chum teachd 'na dhàil-san, gu ciontach, gràtneil, 
On gheibh iad fài!t air, le cairdeas dla; 
'S on bheir e fuasgladh a mhaireas buan doibh, 
O na h-uile bruaidlein chuir gruaiui 'nan gnùis. 



III. CHUID. 

Cha lugha 'n gaol thug an Spiorad Naomh dhoibh, 

No'n t-Athair caomh, agus Aon-mhae gràidh: 

Tha 'earrann f èin aig do n obair chcutaich, 

'Se corr air gleu-daehd. 's air trèine làimh. 

Bheir e gu crìch i a dhaignean innleachd 

An nàmhad inich. 's a dhlchill threin; 

'S a dhaingean mìruin an naduir mhilltich, 

A chogas dìreach ri firinn Dè. 



Bidh 'shaighead saite. le focal àraidh, 

'S an crì' bha slàri bithidh craireach. brìut 

Ach 's ann gu ruagadh, a dh'fhaighinn fuasglaidh, 

On Cheannard bhuadhath. as uaisle cliu. 

'N sin thig e chòmhnuidh 'sa chridhe bhrònach, 

Is bheir e còmhlath ris sòlas buan. 

Se 'n cridhe mealltach os ceaun gach samhladh, 

'Se 'n cridhe teann, mar an geamhradh fuar: 



er 



'Se 'n cridhe gruamach, 's e'n cridhe uaibhreach, 

'Se 'n cridhe truaillidh, ta uamhurr. breun: 

'Se 'n cricihe fiar, anns a bheil an diabhol, 

'Se 'n cridhe tìata. gun rian, gun ghleus: 

'Se 'n cridhe 'n seòmar, 's aoi bi a chòmhnuidh, 

Aig Spiorad oirdheirc an eòlais aird; 

Air teachd dha nuas. leis an t-so.sgeul uasal, 

Gu duine truaghe dheanamh nuaidh Je gràs. 

Bi 'n obair àluinn an cridhe grànd ud 

A dheanamh aillidh, le gràdh do Dhia; 

An cridhe suarach a dheanainh uasal, 

An cridhe cruaidh dheanamh truacant, fial: 

An cridhe diabhlaidh a dheanamh diadhaidlv 

'S an cridhe tìat dheanaiiih tiorail, blà 



69 

'S gach gràs o neamh chur a ghabhail frèimh ann 
'Sa dh'f has gu seamh ann, 's gu gnèthail, tlà. 

Nì fàs nan gras ud an gluasad àluinn, 

Gun uaill thar chàch, ach 'gan aicheadh fèin: 

Gun bhreug, gun chùlchaint, air neach 'san dùthaich, 

Ach pailt an urnaigh, 's an sùil 'na dèigh. 

Bithidh 'n gaol, 's an gràdh do gach uile nàbuidh, 

'S iad beusach, nàrach, gun ardan cruaidh: 

Gun, fhoill, gun fhòirneart air duine beò ac, 

Ach smior na còrach, gun sgleò, gun chluain. 

O's dream gun tùr iad, ni'n Spiorad iùl doibh, 

Bidh 'chobhair dlù, 's iad gun lus, gun taic: 

An aimsir dùldaich, 's am freasdal dùdhorch, 

Ni e an stiuireadh le cùram ceart, 

Is ni e'n altrum, a rèir an laigse 

Tha gliocas pailt aig, is faicil chaomh : 

'S 'nuair thig am bàs orr, cha dean e'm fàgail, 

Ach bheir e'n aird iad gu'kros naomh. 

O m' anam beachdaich air meud do pheacaidh, 
An aghaidh 'n reachd ud tha dreachmhor, grinn; 
'S air meud a chaoimhneis bha Dia ag roinn ort, 
'S thu 'd uilbheist oillteill, a thoill bhi millt. 
Biodh nàire gnùis ort, thoir iomadh cliu dha, 
Bi 'g earbs' a chùram, 's cuir duil 'na ghradh; 
'Se d'ait bhi dùbladh do ghràidh, 's do dhurachd r 
Gu h-aithghearr crunaidh se thu gu bràth. 

A M B A S. 

I. CHUID. 

" Tafhios agam gun toir thu mi gu bàs. i ' 

Sud an righ bhios an uachdar 
Air gach iosal is uasal; 
Cha teid saoi ris a thuasaid 
Dheth nach buannaich e cùis. 
F3 



70 

'Se bhi roilleadb tha 'n dkn da, 
Bheirear sgrios air gach à! leis, 
'S iomadh baile tha fas leis, 
Ioroad aros gun smi id 

An cogadh failteach nan righearo, 
'S an tèid na ccudan 's na miltean, 
A ghrad chasgradh gu millteach 
Ta 'thoil-inntinn 's a rùn. 

Tein, is critheanna talmhain 
Gort, is plàighean ro ghairbhsneach, 
Is gach galar as marbhtaich, 
A chuis earbs; is a dhuil. 

Cha robh gaisgeach mòr, ainmeil, 
Rigb, no Seanalair armailt, 
Anns na linntibh a dh'f halbh uainn, 
Nach d'fhairich calmaclid a lù is' 

Thug e sgrìob air na fàidhibh, 
Air na h-aobstolaibh gradhach, 
'S air na creidmhich bu daicheil, 
A lean an àithne o thus 

Thug e beum do'n Fhear-shaoraidh, 
Sud aro beum a bha daor dha, 
A chaill dha mòran d'a dhaoinibh, 
'S iad 'nam faogh aig fo ghlùn. 

Ged chaidh Iosa do'n uaigh leis, 
B' ann thoirt sgrios agus buaidh air, 
'S thig na creidmhich an uachdar, 
A dhaingean cruadhas a dhùirn. 

Ged nach b'aobhach leat riamh e, 
Thig an t-aog ann ad fhianais: 
Cha bhi 'aoigeas ro sgiamhach, 
Allaidh, fiadhaich a ghnùis. 

'Nuair a bheanas a làmh riut; 
Bibh do chridhe gun bhla's ann, 
Cha chuirear cas air an làr leat, 
Biclli do ghairdean gun lù's 

Bheir, e sgrios air do cheudfaith, 
Bheir e chainnt th'ann ad bheui as, 



71 

O do chluais bheir e 'n èisdeacbd, 
Is an leirsainn o d' shùil. 

Ged bu tu'm fear a b'àluinn, 
A thainig namb do shliochd Adhaimh. 
Ni e 'n cabhaig cùis ghrain diot, 
Mur teid do charamh fo n ùir, 

Sgeul as cruaidhe r'a èisdeachd, 
Gur e 'm peacadh 's gath geur dha, 
Le neart-an lagha gu d' lèireadh, 
Chaoi an dèigh dhuit dol nuli: 

Mur glac aithrcachas trà thu, 
Do choirbteachd dhona do nàduir, 
'S mur glanar d' anam gu gràsmhor, 
Leis an t-Slànuighear chiuin. 

Thig am bàs ort mar chealgair, 
'S thu gòrach ag earbs' as, 
Bheir e leum ort-an anomoich, 
'S tric e sealg oirn a cùil. 

Seall air cieachdadh cioinn daoine, 
Is cha-n fhad bhios tu foghlum* 
Gur tearc duin a ta saoilsinn, 
Gu bheil an t-aog aig a chùl. 

Saoiiidh 'n duine ro aosda, 
Gu-n teid la eile r' a shaoghal: 
'S cha chreid an t-oganach aotrom, 
Gu-m faod a chaochlath bhi dlu. 

'M fear tha slan tha e smuaineach, 
Nach tig am bàs a thoirt luaidh air, 
Gun chaismeachd araidh chur uaithe ? 
Seal man gluais e sa chùis 

'M fear tha sàruicht le aslaint, 
Tha suil a ghna ri doi as aig, 
Gus an tig am bàs co ro chas air, 
'S gu n grad chaisgear a dhuil. 

'S mairg nach faigheadh tu grasan 
Man tig breislich a bhàis ort r 
Nuair bhios do chomas air d' fhàgail, 
Is do nàmhaid 'na dhuisg. 



7& 

Gabhsa cothrum na h-òige, 
Gabh am focal gu d' shèoladh, 
Gabh an Spiorad gu d' threòruch, 
Fad an raid mar cheann-iuil. 

Cleachd a ghràsan le dìcheall, 
Biodh na fàintean leat priseil, 
Chaoi na fàg iad air dìchuimn 
Tha iad dìreach gun lub. 

Na bi 'g earbs a do naomhachd, 
Ach a iochd an Fhir-shaoraidh, 
Cha d'rinn thu riamh ri do shaoghal, 
Ach rud aotrom gun diu. 

Cleachd an creidimh nach dìbir, 
Gleidh do chogais an sìth riut; 
'S cha ruig thu leas bhi fo mhìghean, 
Dol gu d' shìneadh 'san uir. 

II. CUID. 

Fhir tha mireadh, 's ag gàireadh, 
Sunntach, cridheil ri àbhachd, 
Thig am bàs gu mi-nàrach, 
A chur do mhanrain air cul. 

Fhir gun sòlas. gun aidhear, 
Ge tròm siubhal do laithean, 
Thig am bas gu gle aithghearr, 
Chum do chaitheadh 'n ad smur 

Fhir tha mealtuinn do shlainte, 
Buitheach, fallain, gle chailear, 
Thig droch ghalar a bhais ort, 
A mhilleasailleachd do ghnuis. 

Fhir tha siubhal fo'n aslaint, 
(Caithe, fiadhras no casdaich,) 
Cha-n e 'm bas as neo-ascaoin, 
Fiata, glasdaidh a shuil. 

Fhir tha 'd' òlach math, fialaidh, 
Mu d' fhardaich, 's mu d' bhiatachd, 
Bheir am bas duit gun iarraidh, 
Fardach chian anns an ùir. 



73 

Fhir as doicheallaich naduir, 
A dhiult aoidheacbd do d'chairdidh, 
Cha ghabh an t-aog uait an t-aicheadh, 
Ged bhiodh d' fhardach gle dhuiiìt, 

Fhir tha tuigseach, glic, ciallach, 
Deanamh gnothaich le riaghailt. 
Nach faic thu'm bas ag teacnd siar ort, 
Ge math do rian, is do thur. 

Fhir tha 'd amadan gòrach, 
'S bochd an lamh thu sa chomhraig, 
Tha do namhaid ro sheòltn, 
Theid an fhoid ort gun mhuirn. 

Fhir tha foghainteach, laidir, 
'G earbs a spionnadh do ghairdein, 
'Nuair a bhuaileas am bas thu, 
'S ro bheag tabhachd do dhuirn. 

A shaighdeir thapaidh san tuasaid, 
A thainig tric as a chruadaL 
Bithidh bas tuill' as cruaidh ort, 
Bha e buadhach o thus 

Fhir tha dian cur ri saothair, 
*G earbs gu-n tionail thu 'n saoghal, 
Thig am bas ort mun saoil thu, 
A dheanamh faoineis do d' dhuil. 

Fhir tha 'snamh ann an saibhreas, 
'G earbs' gu-n diong e dhuit aoibhneas, 
Bithidh 'm bas 'na chuis oillt duit, 
'Nuair thig e dh'fhoillseach' a ghnuis. 

Fhir tha aosda, 's air liathadh, 
A chaidh chaomhnadh ceud bliadbna, 
Nis tha 'n t-aog teachd gu d' iarruidh, 
Chithear Momhaigh 'nad ghnuis. 

Leìnibh oig, tha 'nad mhaothran, 
Ur air tighinn do'n t-saoghal, 
Ma leag am bas ort a chlaonshùil, 
'S dearbh nach caomhain e thu. 

Ogain smiorail, thoir feairt ort, 
*S leis a bhas le còir cheart thu, 



74 

Bheir e buaidh raach le neart ort, 
Ged tha thu sgairteil, deas, ur. 

Mhaighdean mhìn-rosgach, sgiamhach, 
Nach faic thu 'm bas ort ag ialaigh, 
A thoirt an rugha a d' ghialaibh, 
'S a chur fiatachd 'nad shuil: 

A Lighich theòma le d! phlasdaibh, 
Cha chuis eagail do'n bhas thu, 
Thig e timchioll gu samhach, 
A ghabhail fath ort o d' chul; 

Fhir tha 'd Mhinisdeir sao'ireach, 
Gu'r toirt dh'ionnsuidh 'n Fhir-shaoraidh, 
Cha mho sheachnas an t-aog thu, 
Na fear gun fhoghlum, gun iul, 

Chreidmhich iriosail, ghrasmhoir, 
Ged thig samhlach do'n bhas ort, 
Cha bhi gath ann gu d' chràdhadh, 
Gheibh thu slan uaith ri h-ùin. 

A dhaoi tha dearmadach, taireil, 
Air saor thairgse na slainte, 
Thig n' as seirbhe na 'm bas ort; 
Bidh ifrionn gun dail air a chul. 

AN AISEIRIGH, 

" Ta 'n uair a teachd, anns an cluinn iadsan uile a ta sna 
h-uaighiòh a ghuth san : agus theid iad a mach, iadsan a 
rinn maith, chum aigeirigh na beatha ; agus iadsan a rinn 
olc, chum aiseirigh an damnaidh." 

Thig am bas oirn muncuairt, 
'S ceart gu-n luidhinn 's an uaigh. 
'Ach cha tèid mi le gruaim 'na còir, 

Oir bha Iosa mo run, 
Greis 'na luidheadh 'san uir , 
'S rinn e'n leabhadh ud cùbhraidh dhòmhs. 

Thug e 'n gath as a bhas, 
Rinn e caraid do m' namh, 
A shaoil mo chumail gu brath fo leòn : 



75 

Teachdair m' Athar e nis. 
Dh'ionnsuidh m'anma le fios, 
E dhol dachaidh a chlisg chum gìòir. 

On a dh'èirich a rìs 
Sar Cheann feadhna mo shìth, 
Gun e dh'fhuireach fad shìos fo'n fhòid: 

Is gu-n deachaidh e suas, 
Ghabhail seilbhe d'a shluagh, 
Anns na flaithibh, le luathghair mhòir: 

'Se mo chreidimh gun bhrèig, 
Gu-n èirich mise 'na dhèigh, 
Measg na buidhne gun bheud, gun ghò; 

'Nuair a dh'fhosglar gach uaigh, 
'S a theid beò anns gach sluagh, 
Chum an togail 'san uair, gu mòd. 

Sud an cumhachd tha treun, 
Sud am fradharc tha geur, 
Chuireas rithisd gach crè air dòigh, 

Dream chaidh itheadh le sluagh, 
Dream chaidh mheasgadh 'n aon uaigh, 
Dream chaidh losgadh 'nan luaiths 's nan ceò. 

'S iomadh colainn bhios ann, 
Tha fad air asdar o 'ceann 
'S thig iad cuideachd 'san am, gu fòill. 

Thig iad uile 'nan taom, 
As gach clagh tha 'san t sao'l, 
'S as gach araich, 's an aom na seoid. 

Cha-n eil ait am bheil corp, 
Air ard mhonadh, no cnoc, 
Ann am fasach, no slochd na mòin; 

Ann an doimhneachd a chuain, 
No 's na h-aibhneachibh buan. 
As nach èirich iad suas, 's iad beò. 

Eiridh 'n diùc, is an rìgh, 
Eiridh 'm bochd bha fo chìs, 
Eiridh gaisgeach an strì, san deòt. 



76 

Eiridh bhainti'arna mhaoth, 
Eiridh 'n t-amjtdan baoth, 
'S cha bhì dearmad air aosd, no òg. 

Eiridh cuid ac le gruaim, 
Chi iad fearg air an Uan, 
Chuireas crith orr. is uamhunn mhòr. 
; Eiridh cuid ac le aoidh, 
Buidheann uasal nan saoi, 
'G am bi oighreachd o chaoi an glòir. 

AM BREITHEANIS DEIREANNACH. 

" Is èigin duinn uile bhi air ar nochdadh an làthair 
caithir-breitheanais Chriosd; chum gu faigh gach neàch 
na nithe a rinn e 'sa choluinn, a rèir an ni a rinn e, ma*s 
maith no olc e " 

'S e an 'Slanuighear am Breitheamh, 
Tha e tighinn ann a ghlòir 
Thig e nuas le glòir an Athar, 
'S bidh a Chaithir anns na neoil. 
Thig na h-aingil naomha maris, 
Le mor chaithream mar is coir: 
On is e an t-ard Cheann-feadhna, 
'S còir d'a ghreadhnachas bhi mòr. 

Thig e nuas thoirt breth na còrach, 
Air gach seòrs a ta fuidh 'n ghrèin : 
Thig e dhìteadh luchd na dò-bheairt, 
Chum am fògradh uaith an cèin, 
Theid na dèamhain rinn an tàlath, 
Chur gu 'sàrachadh, 's gu pian: 
'S iad na h-ionracain bhios sàbhailt, 
Thugadh grasan doibh o Dhia. 

Theid a chùirt a chur 'na suidhe 
Ann an uidheam mar bu chòir: 
Theid an trompaid mhòr a sheideadh, 
Chum ar n èigheach dh' ionnsuidh mhòid. 
Cluinnear anns gach ait an f huaim aic, 
Deas is tuath, an ear, 's an iar. 



77 

Cluinnear leòsan bha 'nan suain, 
Anns an uaigh deich mìle bliadhn. 

Leumaidh suas na mairbh gu h-ealamh, 

(Fòs na bhios air thalamh beò,) 

'S theid iad suas mar eoin an athalr, 

Dh' ionnsuidh cathair rìgh na glòir. 

Leis an ti ta saor o mhearachd, 

Theid an sgarachdainn gun dàil: 

'Si 'n lamh chli a gheibh na h-aingidh, 

Comhar aimhleis doibh gu bràth. 

Sud a chuideachd ghrathail, eìtich, 
Luchd nam breug nam mionn, 'sna feirg, 
Luchd na caonnaig, misg, 's mi-bheusan, 
Luchd na h-eucorach, 's na ceilg. 
Dream bha leanmhuinn miann na feòla, 
Dream bha 'n tòir air urram dhaoin', 
Dream gun chreidimh, is gun eòlas, 
Dream gun dòchas glan, gun ghaol. 

Gheibh na h-ioracain an urram 
Seasamh uile aig a dheis: 
Comhar cinnteach do gach duine, 
Nach tig cunnart air am feasd. 
Cha b' e choisinn doibh an t-àit ud, 
Iad bhi tàbhachdach 'nan sao'ir, 
Ach an Triath bhi pailt an gràsaibh, 
Is a ghràdh thoirt doibh gu saor. • 

Labhraidh 'n Righ gu fàilteach, aoidheil, 
Ris a mhuinntir ud gu lèir, 
" Shluagh ta beannuichte Je m' Athair, 
Thigibh, 's gabhaibh sealbh dhuibh fèin, 
Sealbh bhios mairtheannach gu siorruidh, 
Anns an rioghachd uasal, naomh, 
Sealbh chaidh ullachadh o chian duibh, 
Man do chcuthaich Dia an sao'l. 

Bha mi ocrach, thug sibh biadh dhomh, 
Thug sibh deoch, 's mi iotmhor, fann; 
G 



78 

Bha mi 'm choigreach fad om' chairdibh, 
'S thug sibh fardoch dhomh san àm. 
Bha mi lomnochd, agus m'fheoil ris, 
Chuir sibh còmhdach orm gun dàil, 
Bha mi tinn, is ann am priosun, 
'S bhuin sibh rium gu tiorail, bla." 

Sud am binn, 's cha tèid a eaochladh, 
Cluinnidh iad gu h-aobhach, ait, 
Bheir iad freagradh d'am Fear-saoraidh, 
Ann am briathraibh gaoil, gun sgait. 
" C'uin a thug sinn biadh no deoch dhuit, 
'N uair bha ocras ort, no tart? 
C'uin a thug sinn duit gu h-aoidheil, 
Cuid na h-oidhch' 'nuair bha thu 'n airc? 

C'uin a dh' ullaich sinn duit èideadh, 
Fhreadsal d' f heum 'nuair bha thu rùisgt? 
C'uin a thug sirni duit ar còmhnadh, 
Is thu leoint am priosun dùint?" 
Freagraidh 'm Breitheamh iad gu baigheil, 
" Rinn sibh sud do m' bhra'iribh meanbh: 
'S measar leam gu-n d' rinn sibh dhòmhs iad, 
B' i bhur crìochsa glòir do m' ainm." 

Lasaidh 'chorraich, is e tionndatb, 
Grad a dh' ionnsuidh na laimh clì. 
His an dream ta cruaidh an teanntachd, 
'N eagal truaigh gun cheann, gun chrich : 
" 'Shluagh ta mallaicht, uamsa triallaibh, 
Chum an teine shiorruidh, bhuain ; 
Tein a dh'ullaicheadh do'n diabhol, 
Is d'a aingìibh iargalt, truagh. 

Bha mi ocrach, dhuilt sibh biadh dhomh, 
Dhiùlt sibh deoch, 's mi iotmhor fann; 
Bha mi 'm choigreach fad o m' chairdibh, 
Dhiùlt sìbh fardoch dhomh san àm. 
Bha mi rìusgr, cha d' rinn sìhh m' èideadh, 
Tinn, 's cha robh bhur ceum am chòir: 
Bha mi 'm priosun ann an èigin, 
jSheas sìbh fad o èigh mo bhròin." 



79- 

Sud am binn, 's cha tèid a caochladh, 
Och! cha n fhaodar teicheadh uaip: 
Eiridh fiamh an-earbs 'nan aodan, 
'S goirt a ghaoir bhios ac 's an uair, 
" C' uin a chunnaic sinne riamh thu, 
Ocrach, iotmhor, tinn, no rùisgt, 
Ann ad choigreach, no am priosun, 
Gun do riarachadh gu dlu?" 

Freagraidh e gu grad os n-aìrd iad, 
'* Faicibh 'n so mo bhra'irean caomh; 
O nach robh sibh riùsan baigheil, 
Cha bu ghradhach leam bhur gaol. 
Leasg gu siubhal chum na truaighe 
Tagraidh iad gu cruaidh an cùis: 
O! na cuir gu dòruinn bhuan sinn, 
'S ifrionn duinne gruaim do ghnùis. 

Thilg sinn mach 'n ad ainmsa diabhoil, 
Naimhdean dian duit fèin, 's do d' ghlòir: 
Ilinn sinn ann ad ainm gu lionmhor. 
Oibre miorbhuileach gu leoir. 
Dh'ith, is dh'ol sinn ann ad lathair, 
Rinn sinn faisneachd ann ad ainm, 
Theagaisg thu gu tric 'nar sràidibh, 
Ri! bu bhàigheii leinn do ghairm." 

Freagraidh esan, ■' Uamsa triallaibh, 
Dhream ain-diadhaidh, olc, 'nar gna ; 
'S dearbh nach b' aithne dhòmhsa riamh sibh, 
Com nach d' iarr sibh mi 'na thra;" 
Cha-n eil cainnt air neamh, no talamh, 
Dh' innseas sgaradh goirt an cri; 
Tionndath 'n cùlaoibh ris gach sonas, 
'S dol gu donas buan gun chrich. 

Ach a chiudeachd ionraic, àghmhor, 
Aig nach d'f hàgadh olc 'nan gnè, 
Thèid iad suas le 'n Ceannard àluinn, 
Chum an àrdachach air neamh; 
Ann an caidreamh caomh na Trianaid, 



80 

(Dreach na Diadhachd orra fèin,) 
Far am flaitheas doibh gu siorruidh, 
Moladh Dhia a chur an cèill. 

Buileach saor o dhragh nan aingidh, . 
Subhach, taingeil, ait gu leòir: 
Cha-n eil tuigs aig daoin' no ainglibh 
Chuireas cainnt air leth an glòir. 
M' anam, deasaich fèin gu tràthail 
Feudaidh 'm bàs teachd ort le maoim ; 
Gabh ri tairgse Dhè nan gràs duit, 
Chum do shàbhaladh a chaoi. 

FLAITHEANAS. 

Fiaitheanas rioghachd na gloire, 
Ionad àghmhor, 

Far am bi gu siorruidh comhnuidh, 
An dream gràsmhoir: 
A chreid an fhìrinn 's a fhuair eòlas 
Air an aithne, 

Chum an gluasad uil' a shèoladh, 
Fad an làthan : 

Ionad tha aidhearach, aoìbhneach, 
Thair gach àros : 
Sluagh ionraic, sona, saibhir, 
'S iad ro ghràdhach: 

A chaidh cheannachadh do'n oighreachd, 
'S cha b' ann àiseach; 
Beath' is bàs Mhic Dhè a thoill doibh, 
An staid àrd ud. 

Cha-n ioghnadh ged robh comunn aobhach 

Ac am pàrras; 

Gach saoi bha riamh 'san t-saoghal, 

Bhi 'n aon àite, 

Le 'n gniomhaibh, 's le 'm briathraibh gaolach, 

Mar dhearbh bhra'iribh ; 

Gun aon duine do na baothaibh, 

Bhi 'nan lathair. 



81 



Gabhaidh n t-Athair, Dia na tròcair, 

'S a Mhac gràdhach, 

Gabhaidh Spiorad Naomh na glòire 

Riu le fàilte : 

'G an nasgadh riu fèin an dlù phòsadh, 

'S cha bhris bàs e; 

'S 'gan togail suas gu h-inbh oirdheirc, 

Gun teachd mhàn aisd. 

Chi iad maise Dhe, 's a mhòrachd, 

Le fior dhanachd ; 

A ghnùis ag dearsadh orr an còmhnuidh, 

Mar ghrian dhealrach. 

Tha iad nis air cuan an t-sòlais, 

Chaoi a' snàmh ann; 

Tha iad nis aig tobar an eolais, 

'G òl an sàth as. 

Aingil ro chumhachdach, uasal, 

Os ceann àireimh, 

Ag gabhail le furan gun ghruaim riu, 

Mar an cairdibh : 

Chum seinn 'nan cuideachd le luathghair, 

Anns na h-ardaibh; 

Naomha, naomha, naomh thair smuaineach, 

Dia nan gràsan. 

Cha bhi peacadh 'n sud, no buaireadh, 

Dh' fhògradh Sàtan: 

Cha bhi duine ann fo smuairean, 

Le bròn samhach. 

Cha bhi tinneas, dragh, no truaigh ann, 

No fuaim nàmhaid : 

Cha bhi gort, no gaoir, no gruaim ann 

No cùis chradhaidh. 

Cha bhi miann an crì', no iarrtas 

Nach bi sàsaicht; 

Aoibhneas gun teagamh gach ial ac, 

Is gun tràghadh : 

Crioch a theachd gu cian nan cian air 

Cha bhi 'n dàn da : 

■r- -*« 



Sud tiolac Dhè ta saibhir, fìal do 
Pheacaich àraidh. 

A Dhè nam feart gabh mi fuidh d' chùram, 

'S fuidh d' dhion bàigheil: 

Dh' ionnsuidh Iosa dean mo stiuireadh ; 

'Se an Rathan ; 

'Se an t-slighe, 's e is Ughdar 

Air an t-slàinte, 

Thoir-sa creidimh, gràdh, is dùil domh 

Air a sgath-san. 

IFRIONN. 

Na h-uil' aon nach creid an soisgeul. 

'S nach toir gràdh dha, 

Seusaidh iad aia an laimh thoisgeil, 

Aig la bhràth ud. 

'Nuair theid na leabraichean fhosgladh, 

Bidh 'm binn bàis annt : 

Cluinnidh iad an diteadh gu tosdach, 

Gun leisgeul àraidh. 

Theid iad gu ifrionn na dòruinn, 

Gun uair dàil doibh; 

Bidh Dia caiilt dhoibh, is a shòlas, 

Fos a ghràsan. 

Chi iad gu soilleir co gòrach, 

Meallt 's a bha iad; 

Nach do chaith iad am an òige 

Rèir na h-àithne. 

Chi iad mòran sona, saibhir, 

Shuas am pàrras; 

Gairdeachas ceòl is aoibhneas 

Ac, is slàinte : 

lad fèin ag fulang gu h-oillteil, 

'S an t-slochd ghràineil ; 

Slochd dubh, dorch, gun deò soillse, 

Dh'oidhch no là ann. 

Ceo is lasair uain ag èiridh, 
Le teas gàbhaidh 






83 

As an locha theinteach, èitich, 

Iads a' snàmh ann: 

Anail Dè gu garg 'ga shèideadh 

Mar ghaoith laidir ; 

An anma truagha air an lèireadh, 

'M feoil 's an cnàmhan. 

Iad naimhdeil, borb ri Dia, 's ri chèile. 

'S iad làn ardain: 

Cogadh gu dian leis an eucoir, 

Gun bhuaidh Faraieh : 

Diabhoil gun tiomadh, gun dèisinn, 

'Gan sior chràdhadh, 

'Gam buaireadh, 'gan gonadh, 's gan reubadh, 

'S iad tur sàraicht. 

An cogais fèin 'gan sior dhiteadh, 

Cnuimh nach bàsaich, 

Cur coire, is iomchan gun chrìch orr, 

Gun fhois, gun tàmh ac; 

Thaobh gùn dhiùlt iad gèill do'n f hirinn, 

'S tairgse slàinte; 

Tairgse nach faigh iad gu dilinn, 

Anns an àit ud. 

Eagal, is oillt, is trom uamhunn, 

Ag sir f hàs doibh : 

Misneach ag meathadh 'n an cruadal, 

'G an sìor f hagail ; 

O nach urrain iad cumail suas fuidh 

F'heirg an nàmhad, 

'So nach urrainn iad teicheadh uaithe, 

'S e uile-là'ireach. 

Sior thuiteam an doimhne na truaighe, 

Gun teachd 'naird as : 

Dùil cha n eil aca ri fuasgladh 

As a chàs ud 

Fhad 's a mhaireas Dia 'na bhuaidhibh, 

Cha tig bàs orr. 

Bheir an ceartas sud mar dhuais doibh, 

Thoill an gnà e. 



84 



O m' anam gabh-sa gu smuameach 

Air do nkdur; 

Nàdur tha gu h-iomlan truaillidh, 

'S nach gabh càramh. 

Gabh ri Criosd bheir nàdur nuadh dhuit, 

Gabh-sa trà ris : 

Thoir thu fèin gu h-iomlan suas da, 

'S bidh tu sàbhailt, 

CRAOBHSGAOILEADH 

A Bhiobuill agus an t-soisgeil* 

Tha aoibhneas ag lionadh mo chri, 

'S cha tràghadh do shlth mo chuim: 

Tha noimheachd n'as taitnich 'san tir, 

Na chualas ri linn mo chuimhn. 

Cha noimheachd air Oisian nam Fiann, 

No gaisgeach bha riamh am feachd : 

Cha noimheachd air sealgaireachd fhiadh, - 

No giùlan am bian gu teach. 

Cha noimheachd air creachadh nan Galì, 
Le ceatharn nan gleann, 's nan stùchd; 
No idir air siubhal nam beann, 
An èideadh nach ceangladh glùn. 
Cha noimheachd air tapadh nan Gai'I, 
No treubhantas ard an lann, 
A' leagadh an naimhdean gu làr, 
No sgoltadh an cnàmh, 'san ceann. 

Cha noimheachd air fineachaibh treun, 
A chogadh 's nach gèilleadh beo: 
Clann Ghriogair bha aineolach, gleusd, 
'S nach tric a bha reidh ri coir, 
Clann Domhnuill ]e'm b' aiteas lamh dhearg; 
Clann Chamroin bha calm gun chèill ; 
'S mar sin gach clann eil a b'fhearr ainm, 
'S gach ceannard bu ghairg na chèil. 

Ach noimheachd air soisgeul nan gràs 
Bhi sgaoileadh 's gach aird muncuairt; 



85 



'S am Biobull le focal na slàint, 
Bhi ruigheachd gach ait le buaidh : 
Toirt caochlath air inntinn an t-sluaigh, 
'Gan ciuineach mar uain gu sith; 
Ag claoidheadh gach ardain is uaill, 
'S ag cur gach droch bhuaidh fo chìs. 

Tha 'm freasdal ag obair le buaidh; 
Le carthannachd ghluais an tìr, 
Chum cosd air an t-soìsgeul chur suas. 
Anns gach ait am bheil sluagh 'na dhith. 
Bidh teachdairean eudmhor, nach mall, 
Ag siubhal 's gach ball gun chlos, 
A nochdadh do thruaghanaibh dall, 
Na slighe nach cam gu fois. 



Cairear Biobuill am pailteas an clò, 
An cainntibh nan slògh gu leir; 
Cainnteari coimheach a dhiomadach seòrs, 
Mu nach cuala sinn sgleò, no sgeul. 
Theid an Sgriobtur gu grad do'n taobh tuath, 
Gu'tluisianaich ghruaraach, bhorb, 
Gu Lochlinnich, 's Laponaich f huar, 
Is Tartaraich luath gun cholg. 

Ni 'n fhirinn iad callta gua dail 
Is lionar le gràs an crì 
Cha mhair iad 'nan coimhich air gradh, 
No cleachdannaibh bla na sìth: 
Oir trèigidh iad buirbeachd an gnè, 
Is leanaidh iad seamhachd Chriosd; 
Thig crèidimh 'g an ionnsuidh o neamh; 
Chuireas mais air am mèin gu sior. 

Ge farsaing ta Asia mhòr, 

Ge lionmhor a slògh thair meas, 

Ge h-iomadh an cànain, 'san doigh, 

S ge pailt tha gach sògh 'nam measg; 

Ge daingean ta ceangal an crì 

Ri aoradh nan iodhal balbh, 

Ruigidh 'n sgriobtur gach cearna d'an tìr, 

'S bheir e leis iad le sgriob air falbh. 



86 



Daoin obhar is dubh an taobh deas, 
An Afric fuidh theas na grèin, 
Ged bha iad 'nan tràillibh, 's nan creich, 
Aig muiuntir gun seirc, gun chèill, 
Ni 'm Biobull, 's an soisgeul iad saor, 
Is bidh iad 'n an laoich-aig Criosd; 
Gabhaidh 'n anam r'a fhirinn, 'sr'a ghaol, 
'S bheir a spiorad dhoibh naomhachd fhior. 

Thèid an soisgeul le 'sholus mar ghrian 
Adh ionnsuidh an iar muncuairt, 
America 's Innseanaich fhiat, 
Is Eileinich cian a chuain; 
Taid aineolach, allaidh, gnn chiall, 
Taid buaireasach, fiadhaich, coirbt, 
Taid diorrasach dioghaltach, dian, 
Brais, ardanach, iargalt, borb. 

Sar chothrom do shoisgeul na slàint, 

S do chumhachd nan gràs aig Criosd, 

Bheirmaitheanas saor dhoibh gun dàil, 

Is creidimh bhios faidìr, fior: 

A ghlanas an cridhe gun chaird, 

O'n truaillidheachd ghràineiì, bhreun ; 

A cho-chumas ri Dia iad le gràdh, 

'S le naomhachd 'nan càil, 's nan ghleus. 

Bidh gach aidmheìl is creidimh 'nan aon, 

Gun seachran, gun aomadh clì; 

Thig na papanaich thugainn gu saor, 

An ceanglaichibh gaoil, is sith. 

Thig Arabaich, 's Turcaich le cheil, 

'S theid Mahomet eigheach sios; 

Thig na h-Iùdhaich le durachd 'nan deigh, 

Thoirt umhlachd, is geill do Chriosd. - 

Cha bhi dùthaich no rioghachd fo'n ghrein, 

No fine, no treubh, no clann, 

Air nach soillsich an soisgeul gu reidh, 

Mun dìbir an fheill a th' ann. 

Nach aoibhinn an obair do dhaoin' 

Am Biobull a sgaoileadh 'n cein ! 



87 

Bhi gnathach' an diochill, 's am maoin, 
Chur innleachdan gaoil an ceill ! 

Cia cliuiteach na cuideachdan coir, 
As seirceil, 's as oirdheirc gnè, 
Ghabh Freasdal 'na laimh chur air dòigh, 
A ghnothaich ud 's boidhche sgèimh ! 
Taid dusgadh an t-sluaigh gu bhi fial, 
Thoirt mhìltean is chiadan seach; 
Taid caitheadh gach peighinn le ciall 
Chur a Bhiobuill an iar, 's an ear. 

Gu ma sonadh do'n cheud chuideachd* chaoin, 

A dh'uìiaich le'n sao'ir e dhuinn, 

Anns a chanain d'an d'thug sinn ar gaol, 

'Snach tuigteadh a caochlath leinn. . 

B' iad stiùbhardaich fine an aigh, 

'S math choisinn iad gradli gach linn, 

A ghnathaich an ionnsachadh ard, 

'G a thionndath gu Gaelic ghrinn. 

Gu ma maireann do'n Chuideachd-f- as uails, 

Fhuair urram is buaidh thair chach ; 

Bhios crainn ann an Lunnuinn an t-sluaigh, 

'N am tighinn muncuairt do'n Mhaigh. 

Sud cuideachd a dh' eirich 'n ar mairc, 

Chur Bhiobull am pailteas n'all, 

Na dhiolas ar bochdan air fad. 

'S na lionas gach srath 's gach gleann. 

Tha chuideachd ud sior dhol am meud 
Gun laigse d'an eud, no sgios: 
Tha 'n obair a sgaoileadh an cein, 
Air fad, is air leud gach tìr. 
Ri! gur iomadach mil, is deich mil, 
D' an d-thug iad.am Biobull seach; 
'Se m' earbsa nach teirig dhoibh cis, 
Fhad 'sa bhitheas e dhith air neach. 

f A chuideachd urr^mach ata churn eòlas Criosdaidh a sgaoileadh 
feadh Gaidheaitachd, &c. 

f Cuideachd rnhòr a Bhiobuill an Lunniun. 



88 

Bithìdh Chuideachd* ud eile am sgeul 
Tha'm baile Dhuneidin cruinn, 
Tha tarraing gach inneil is teud, 
Adhionnsachadh leughaidh dhuinn. 
Taid cruinneachadh airgid is òir, 
O dhaoinibh ta còire, stuam; 
'S 'g a chaitheadh le cùram ro mhòr, 
Chuir sgoilean gu h-ordail suas ; 

Fos gu-m faighear le sean, is le h-òg 

Deagh theagasg is fòghlum suairc, 

'S gun leugh iad na comhairlean còir. 

Thug Dia dhuinn gu'r seòladh suas; 

Oir ged a bhiodh Biobuill gu leòir, 

Aig big, is aig mòir an t sluaigh, 

Mur b' aithne dhoibh 'n leughadh air chòir, 

Cha-n fhaigheadh iad eòlas uath. 

Bha na Gàidheil ro aineolach, dhall, 
Bha ionnsachadh gann 'nam measg: 
Bha 'n eòlas co tana, 's co mall, 
'S nach b' aithne dhoibh 'n call a mheas. 
Cha chreideadh iad buannachd, no sta 
Bhi 'n sgoileireachd ard d'an cloinn, 
Ged fheudadh iad f haicinn gach la, 
Gur i thog o'n lar na Goill. 

Ach b'annsa leo 'n airgiod, 's an òr 

A chaitheadh gu gòrach truagh, 

Ri amaideachd, òranaibh' 's ol, 

Ri bainnsibh, 's ri ceòl d' an cluais. 

Cha-n ioghnadh ged bha iad gun chail, 

Do fhocal na slaint aig Dia, 

Ged choisinn an namhaid an gradh, 

'S ged bha iad toirt da a mhiann. 

Ach theid aineolas nis as an tir, 

'S gach cleachdadh neo dhireach, crom, 

* Cuideachd nan sgoilean Gaidhealach an Duneidin. 



89 



fs mealaidh sinn soxras, is sith 

Gun fharuiad no stri 'n ar fonn. 

Theid sgoilean chur suas anns gaeh cearn, 

Bidh leabhraichean Gaelic pailt 

Bidh eolas, is diadhachd ag fas 

Thig gach duine gu sta, 's gu rath. 

Nis " togaidh na Gaidheiì an ceann, 
'S cha bhi iad am fang ni 's rao:'' 
Bidh aca ard fhòghlum nan Gail, 
Is tuigse neo mhall 'na chòìr: 
Theid innleachdan 's oibrean air bonn, 
Chuireas saibhreas 'n ar fonn gu pailt, 
Bithidh 'n diblidh co Iaidir ri sonn, 
'S am bochd cha blii lòm le h-airc. 

Thig na linntean gu cinnteach muncuairt; 
Tha 'n Sgriobtur ag luadh thig oirn 
'San teid Satan a cheangal gu cruaidh, 
'S nach meall e an sluagh le sgleò. 
Bidh firinn is siochaint is gaol, 
Ag ceangal chloinn daoin ri cheil, 
Cha-n fhaicear fear dona, mi-naomh, 
Theid oìc as an t-sao'l is beud. 



CRIOCH. 



H 



90 
D AI N 

A chomhnudh crabhaidh 

NAN GAIDHEAL. 

Fhir tha suigeartach, ceòlar, 
Ceannaichsa mo leabhar òran 
Theag' gun dean e feum ri d' bheo dhuit, 
Ged nach mor a phris. 

Cha-n-eil aoireadh air duine còir ann, 
Cha-n-eil moladh air an ol ann, 
No air sugradh baoth na h-oige 
Bheir bron ort aig do chrich. 

Ach tha firinnean gun sgleo ann, 
Is comhairlean na corach, 
Gu d' theasairginn o dhobheairt, 
' S gu d' sheoladh chum na sith. 

Le Seumas MacGhriogain 



91 



CLAR NAN DAN. 

TAOBH DUILLKAG. 

Suim an lagha, 5 

Na deich fàintean, .» ib. 

Moladh an lagha, ib. 

Co'-cheangal nan Oibre, 10 

Co'- cheangal nan Gras, 15 

Do'n pheacadh; an da chuid, 22 

Rann air an droch cridhe, 28 

An Soisgeul, .'. 29 

Creidimh, 33 

Do'n Mhi-chreidimh ; an da chuid, 37 

An gearan, 41 

Fireantachd Chriosd, ^ 43 

Obair an Spioraid Naoimb, 47 

Moladh grais, 53 

Moladh nan gras, ', 5Q 

Ceisdean Soisgeulach, 60 

Gradh Dhe ; an tri codaicbibh, 65 

Am Bas; an da chuid, 69 

An Aiseirigh, , 74 

Am Breitheanas deireannach, 76 

Flaitheanas, 80 

Ifrionn, 82 

Craobh sgaoileadh a Bhiobuill agus an t-soisgeil, 81